bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Luke 16
Luke 16
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
1
Thuirt Ìosa cuideachd ri a dheisciobail, “Bha duine beairteach ann aig an robh stiùbhard, agus chaidh casaidean a thoirt na aghaidh gun robh e a' dèanamh ana‑caitheamh air a chuid.
2
Agus ghairm e e is thuirt e ris, ‘Dè tha seo a tha mi a' cluinntinn mud dheidhinn? Thoir cunntas air do stiùbhardachd, oir chan fhaod thu a bhith nad stiùbhard nas fhaide.’
3
“Thuirt an stiùbhard ris fhèin, ‘Dè a nì mi? Oir tha mo mhaighstir a' toirt na stiùbhardachd uam, chan eil mi làidir gu leòr airson cladhach agus tha nàire orm dèirc iarraidh.
4
Tha fios agam dè a nì mi airson 's nuair a chuirear às an stiùbhardachd mi, gun cuir iad fàilte orm a‑steach dhan taighean.’
5
“Agus ghairm e thuige gach aon dhiubhsan a bha ann am fiachan ri a mhaighstir. Ris a' chiad fhear thuirt e, ‘Dè na h‑uimhir 's a th' aig mo mhaighstir ortsa?’
6
“Thuirt esan, ‘Ceud tomhas ola.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais, agus suidh sìos gu luath is sgrìobh caogad.’
7
“An uair sin thuirt e ri fear eile, ‘Agus dè na h‑uimhir 's a th' aige ortsa?’ “Agus thuirt esan, ‘Ceud tomhas cruithneachd.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais agus sgrìobh ochdad.’
8
“Mhol am maighstir an stiùbhard eucorach a chionn 's gun do rinn e gu glic. Oir tha clann an t‑saoghail seo nas glice a thaobh an ginealaich fhèin na clann an t‑solais.
9
Tha mise ag ràdh ribh, dèanaibh caraidean dhuib' fhèin le beairteas na h‑eucoir, airson 's, nuair a theirigeas e, gun tèid fàilte a chur oirbh a dh'àiteachan‑fuirich sìorraidh.
10
“An neach a tha dìleas anns an rud as lugha, tha e cuideachd dìleas ann am mòran, agus an neach a tha eucorach anns an rud as lugha, tha e cuideachd eucorach ann am mòran.
11
Mar sin, mura robh sibh dìleas anns an t‑saidhbhreas eucorach, cò a dh'earbas ribh am fìor shaidhbhreas?
12
Agus mura robh sibh dìleas le cuid neach eile, cò a bheir dhuibh an rud a tha leib' fhèin?
13
“Chan urrainn do sheirbheiseach seirbheis a dhèanamh do dhà mhaighstir. Oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus bheir e gràdh dhan fhear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.”
14
Chuala na Pharasaich, aig an robh gràdh air airgead, na rudan sin uile, agus rinn iad magadh air.
15
Agus thuirt e riutha, “Is sibhse an fheadhainn a tha gur fìreanachadh fhèin mu choinneamh dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan. Oir an rud a th' air àrdachadh gu mòr am measg dhaoine, tha e na ghràinealachd mu choinneamh Dhè.
16
“Bha an Lagh agus na Fàidhean ann gu àm Eòin. On àm sin tha Deagh Sgeul rìoghachd Dhè air a shearmonachadh agus tha gach neach a' dol a‑steach innte le dian‑strì.
17
Ach tha e nas fhasa do nèamh agus dhan talamh a dhol thairis na do dh'aon lide dhen lagh tuiteam a‑mach às.
18
“Gach neach a chuireas uaithe a bhean agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranas, agus ge b' e neach a phòsas a' bhean a chaidh a chur air falbh o a fear, tha e a' dèanamh adhaltranas.
19
“Bha duine beairteach àraidh ann a bha air èideadh ann am purpaidh agus anart grinn a bha a' fèisteadh gu sòghail gach latha.
20
Agus bha duine bochd àraidh air an robh an t‑ainm Làsaras na laighe aig a gheata‑san, làn chreuchdan.
21
Is bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh le na thuit o bhòrd an duine shaidhbhir, ach thàinig fiù 's na coin agus dh'imlich iad a chreuchdan.
22
“Bhàsaich an duine bochd agus chaidh a ghiùlain leis na h‑ainglean gu taobh Abrahàim. Fhuair an duine beairteach cuideachd bàs agus chaidh adhlacadh,
23
agus ann an Ifrinn, far an robh e ann an àmhghar, sheall e suas agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras aig a thaobh.
24
Agus dh'èigh e, ‘Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras airson 's gum bog e bàrr a chorraig ann an uisge agus gum fuaraich e mo theanga, oir tha mi air mo phianadh gu mòr anns an lasair seo.’
25
“Ach thuirt Abrahàm, ‘A mhic, cuimhnich gun d' fhuair thusa do rudan matha fhad 's a bha thu beò, agus Làsaras san aon dòigh droch rudan; ach a‑nis tha esan a' faighinn cofhurtachd an seo agus tha thusa air do phianadh.
26
Agus a bharrachd air a seo uile, tha mòr‑bheàrn air a suidheachadh eadar sinne agus thusa, airson 's nach biodh e an comas dhaibhsan lem bu toigh l’ a dhol à seo thugaibhse, agus nach motha a bhiodh e comasach tighinn às a sin thugainne.’
27
“Agus thuirt e, ‘Mar sin, tha mi a' guidhe ort, athair, cuir gu taigh m' athar‑sa e,
28
oir tha còignear bhràithrean agam, airson 's gum faod e rabhadh a thoirt dhaibh, air eagal 's gun tig iadsan cuideachd dhan àite ro phiantail seo.’
29
“Ach thuirt Abrahàm, ‘Tha Maois agus na fàidhean aca; èisteadh iad riuthasan.’
30
“Thuirt esan, ‘Chan èist, athair Abrahàim, ach ma thèid neach thuca o na mairbh, nì iad aithreachas.’
31
“Thuirt e ris, ‘Mura h‑èist iad ri Maois agus na fàidhean, cha mhotha a bhios iad dearbhte às nan èireadh neach o na mairbh.’”
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24