bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Thessalonians 1
2 Thessalonians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia ar n-Athair, agus san Tighearna Iosa Criosta.
2
Grasan gun robh dhuibh, agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3
Tha mar fhiachan oirnn, a bhraithrean, taing a thoirt do Dhia daonnan air ur son, mar a tha iomchuidh, a chionn gum beil ur creideamh a cinntinn gu h-anabarrach, ʼs gum beil carrantachd lan-phailt aig gach aon agaibh dha cheile:
4
Air chor ʼs gum beil sinn fhein a gabhail uaill asaibh ann an eaglaisean Dhe, as leth ur faighidin, agus ur creidimh, agus ur geur-leanmhuinnean uile, agus ur cruaidh-chàsan, a tha sibh a fulang,
5
Mar shamplair air ceart-bhreitheanas De, los gum measar gur airidh sibh air rioghachd Dhe, air son a bheil sibh a fulang:
6
Oir tha e ceart do Dhia diughaltas a dhianamh orrasan, a tha gu ʼr leireadh:
7
Us fois a thoirt dhuibhse, a tha air ur leireadh, maille ruinne aig foillseachadh an Tighearna Iosa bho neamh maille ri ainglean a chumhachd,
8
Ann an lasair theine, a ni diughaltas orrasan, dha nach aithne Dia, ʼs nach eil umhailt do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosta:
9
A dhʼ fhuiligeas pian shiorruidh ann an leir-sgrios bho ghnuis an Tighearna, ʼs bho ghloir a chumhachd.
10
Nuair thig e gu bhith air a ghlorachadh ʼna naoimh, ʼsa bhith ʼna aobhar ioghnaidh unntasan uile a chreid, a chionn gun deach ar teisteanas-ne a chreidsinn leibhse mu ʼn latha ud.
11
A thaobh sin cuideachd tha sinn a g-urnaigh daonnan air ur son, gun deonaich ar Dia-ne sibhse dhianamh toillteanach air a ghairm, ʼs gun coimhlion e uile thoil a mhathais, agus obair a chreidimh ann an cumhachd,
12
Gu ainm ar Tighearna Iosa Criosta a bhith air a ghlorachadh unnaibh, agus sibhse annsan, a reir grasan ar Dia-ne, agus an Tighearna Iosa Criosta.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3