bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Thessalonians 2
2 Thessalonians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
1
Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, as leth tighinn ar Tighearna Iosa Criosta, agus ar co-chruinneachaidh ga ionnsuidh,
2
Gun sibh a bhith gu h-ealamh air ur gluasad bho ʼr beachd, no fo gheilt, biodh e le spiorad, no biodh e le facal, no le litir mar air a cur bhuainne, mar gum biodh latha an Tighearna aig laimh.
3
Na mealladh neach air bith sibh an doigh sa bith: oir mur tig bristeadh-a-mach an toiseach, ʼs mur nochdar duine a pheacaidh, mac an sgriosa,
4
A tha cath an aghaidh ʼs ga ardachadh fhein fos cionn a h-uile ni, ris an canar Dia, no dha ʼn toirear aoradh, air chor ʼs gun suidh e ann an teampull Dhe, ga fhiachuinn fhein mar gum bu Dia e.
5
Nach eil cuimhne agaibh gun dʼ innis mi so dhuibh, nuair bha mi maille ribh?
6
ʼS tha fios agaibh a nis ciod a tha bacail e bhith air a thaisbeanadh ʼna àm fhein.
7
Oir tha mistire an uilc a g-oibreachadh a cheana: ach a mhain gun cum esan a tha cumail, gus an toirear as an rathad e.
8
Agus an sin nochdar an droch-aon, a mharbhas an Tighearna Iosa le spiorad a bheoil, agus le dearrsadh a thighinn sgriosaidh e e,
9
Aig a bheil a thighinn a reir oibreachadh shatain, anns a h-uile cumhachd, agus ann an comharran, agus am feartan-breige,
10
Us anns a h-uile claonadh de dhrochbheart dhaibh-san, a tha dol a dhith: a chionn nach do ghabh iad gaol air an fhirinn, gus iad a bhith sabhailte. Air son so cuiridh Dia ga ʼn ionnsuidh oibrichean a mhearrachd, gus iad a bhriag a chreidsinn,
11
Gus iadsan uile a bhith air an diteadh, nach do chreid an fhirinn, ach a dhʼ aontaich do ʼn eucoir.
12
Ach is còir dhuinne daonnan taing a thoirt do Dhia air ur sonsa, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, a chionn gun do thagh Dia sibh ʼnur ciad thoradh gu sabhaladh ann an naomhachadh an spioraid, ʼs ann an creideamh na firinn:
13
A dhʼ ionnsuidh na ghairm e sibh leis an t-soisgeul againne, gu ruighinn air gloir ar Tighearna Iosa Criosta.
14
Uime sin, abhraithrean, seasaibh gu daingeann; agus cumaibh na bial-aithrisean, a dhʼ ionnsuich sibh, co-dhiu ʼsann leis an teagasg, no leis an litir againne.
15
A nis gum bʼ e an Tighearna Iosa Criosta, agus Dia ʼs ar n-Athair, a ghradhaich sinn, ʼsa thug sòlas bith-bhuan dhuinn, agus deagh dhochas ann an gras,
16
A bhrosnaicheas ur cridheachan, ʼsa dhaingnicheas sibh, anns a h-uile gniomh, agus facal math.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3