bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Timothy 2
2 Timothy 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
1
Bi-sa mata, a mhic, laidir anns na grasan, a thʼ ann an Iosa Criosta;
2
Agus na nichean a chual thu bhuamsa an lathair moran fhianuisean, iad sin earb ri daoine dileas, a bhios freagrach gu daoine eile a theagasg mar an ciadna.
3
Oibrich mar dheagh shaighdear Iosa Criosta.
4
Cha n-eil duine air bith, ʼs e ʼna shaighdcar aig Dia, ga chur fhein an luib ghnothaichean saoghalta: los gun toilich e esan ris an dʼ rinn e fasdadh.
5
Oir cha teid esan, a tha stri air son laimh-an-uachdar, a chrunadh, mur gleachd e gu laghail.
6
Se an tuathanach, a tha ris an obair, is còir an toiseach faighinn de ʼn toradh.
7
Tuig na tha mi g-radh: oir bheir an Tighearna dhut tuigse anns gach ni.
8
Cuimhnich gun dʼ eirich an Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, a tha de shiol Dhài a reir mo shoisgeil-sa,
9
Bis a bheil mi saothrachadh gu ruig ceanglaichean, mar fhear dhroch-ghniomh: ach cha n-eil facal De ceangailte.
10
Uime sin tha mi cur suas leis gach ni air son nan daoine taghte, los gun ruig iadsan cuideachd air an t-sabhaladh, a thʼ ann an Iosa Criosta, maille ri gloir air neamh.
11
Is facal firinneach so: Ma gheobh sinn bàs maille ris, bithidh sinn beo maille ris mar an ciadna:
12
Ma dhʼ fhuiligeas sinn, righichidh sinn comhla ris: ma dhʼ aicheadhas sinn e, aicheadhaidh esan sinne mar an ciadna:
13
Mur creid sinn, thaesan a fantuinn dileas, cha n-urrainn da e fhein aicheadh.
14
Cuir na nichean so ʼnan cuimhne, a toirt fianuis orra an lathair an Tighearna. Na dian consachadh an cainnt: oir cha n-eil feum idir ann, ach gus an luchd-eisdeachd a chur tuathal.
15
Thoir deagh aire gun giulan thu thu fhein taitneach do Dhia, na dʼ fhear oibre nach ruig a leas nàire ghabhail, a cur an ceill facal na firinne mar is còir:
16
Ach seachuinn seanachas faoin agus truaillidh: oir tha sin ʼna bhrosnachadh mor gu mi-dhiadhachd:
17
Oir tha an cainnt a sgaoileadh mar a chneidh: dhiu sin tha Himenéus us Philetus,
18
A thuit air falbh bho ʼn fhirinn, a cantuinn gun deach an aiseirigh seachad a cheana, agus a chuir cuid de dhaoine bharr am buinn a thaobh a chreidimh.
19
Ach tha steidh chinnteach Dhe a seasamh, leis an t-seul so a bhith aice: Is aithne do Dhia a mhuinntir fhein; agus a h-uile fear, a tha gairm air ainm an Tighearna, seachnadh e an t-olc.
20
Ach ann an tigh mor tha saghaichean, cha n-ann a mhain a dhʼ òr, ʼsa dhʼ airgiod, ach de dhʼ fhiodh cuideachd, ʼs de chriadh; ach cuid gu dearbh gu urram, agus cuid gu as-urram.
21
Ma ghlanas ma ta fear e fhein bho na nichean so, bithidh e ʼna shaghach naomhaichte gu urram, agus tarbhach do ʼn Tighearna, deas air son gach deagh ghniomh.
22
Ach teich thusa bho ana-miannan na h-oige: ʼs lean ceartas, dochas, creideamh, carrantachd, agus sith riusan, a tha gairm air an Tighearna le cridhe glan.
23
Agus seachuinn ceisdean faoinʼs gun fhaghlum, us fios agad gun tog iad consachadh.
24
Ach cha chòir do fhear-muinntir an Tighearna a bhith ri comhstri, ach a bhith ciuin ri uile dhaoine, titheach air teagasg, faighidneach,
25
A toirt comhairle le caomhalachd air an fheadhainn, a tha cur an aghaidh na firinne: gun fhios nach toir Dia iad gu aithreachas, gus an fhirinn aithneachadh,
26
ʼS gus iad fhein fhuasgladh bho ribe an deomhain, aig a bheil iad an sàs ʼnam priosanaich mar is aill leis.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4