bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Timothy 3
2 Timothy 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
Biodh fios agad air so cuideachd, gun tig anns na laithean deirionnach amannan cunnartach.
2
Bithidh daoine gaolach orra fhein, sanntach, uaibhreach, ardanach, blaisbheumach, as-umhailt do pharantan, mi-thaingeil, olc,
3
Gun ghaol, gun shith, culchainnteach, mi-gheamnaidh, an-iochdor, gun chaoimhneas,
4
Brathadairean, diorrasach, morchuiseach, nas miannaiche air sogh na air Dia;
5
Air a bheil gu dearbh gné choltas na diadhachd, ach ar g-aicheadh a cumhachd. A nis seachuinn iad sin.
6
Oir ʼsann dhiu iadsan, a dhʼ ialaidheas a stigh do thighean, ʼsa bheir am braighdeanas boirionnaich gun diù, lan pheacannan, air an stiuradh le ioma seorsa thograichean;
7
Daonnan a g-ionnsachadh, gun idir a ruighinn air eolas air an fhirinn.
8
A nis ceart mar a chuir Iannes us Mambres an aghaidh Mhaois: is amhuil a tha iad so a cur an aghaidh na firinne, daoine truaillidh ʼnan inntinn, am mearachd a thaobh creidimh,
9
Ach cha teid iad nas fhaide air an adhart: oir nithear an aimideachd soilleir do dhaoine uile, mar a rinneadh an aimideachd aca-san.
10
Ach fhuair thusa lan-eolas air an teagasg, a chaithe-beatha, a bheachd, a chreideamh, an fhad-fhulangas, a ghradh, an fhaighidin agamsa,
11
Mo gheur-leanmhuinn, mo thrioblaidean; a leithid ʼsa dhʼ eirich dhomh an Antioch, an Iconium, ʼs an Listra; ciod iad na geur-leanmhuinnean a dhʼ fhuilig mi, us asda uile spion an Tighearna mi.
12
Agus iadsan uile, leis an toil am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosta, fuiligidh iad geur-leanmhuinn.
13
Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa ʼs nas miosa, a dol air seachran, ʼsa cur air seachran.
14
Ach lean thusa ris na nichean a dhʼ ionnsuich thu, ʼsa dhʼ earbadh riut: ʼs fios agad co bhuaithe a dhʼ ionnsuich thu iad:
15
Agus gum bʼ aithne dhut bho tʼ oige na Sgriobtuirean naomh, a ʼs urrainn do theagasg gu sabhaladh, leis a chreideamh a thʼ ann an Iosa Criosta.
16
Tha h-uile sgriobtur, a thʼ air a dheachdadh le Dia, feumail gu teagasg, gu cronachadh, gu smanhdachadh, gu oileanachadh ann an ceartas:
17
Los an duine aig Dia a bhith coimhlionta, ionnsuichte mu choinneamh gach deagh oibre.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4