bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Colossians 3
Colossians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
Uime sin ma dhʼ eirich sibh maille ri Criosta, iarraibh na nichean a tha shuas, far a bheil Criosta ʼna shuidhe air deas laimh Dhe;
2
Biodh ur n-aire air na nichean a tha shuas, cha n-ann air na nichean a tha air talamh.
3
Oir tha sibh marbh, ʼs tha ur beatha air a falach maille ri Criosta ann an Dia.
4
Nuair a chithear Criosta, ur beatha, an sin chithear sibhse maille ris ann an gloir.
5
Claoidhibh mata ur buill a tha air talamh: striopachas, neo-ghloine, mi-gheamnachd, ana-miannan, us sannt, ni is iodhol-aoradh:
6
As an leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh;
7
Agus anns an do ghluais sibhse air uair, nuair chaith sibh ur beatha unnta.
8
Ach a nis cuiribh air chul a h-uile ni: fearg, anntlachd, gò, blaisbheum, cainnt dhrabasda a mach as ur bial.
9
Na dianaibh briag dha cheile, a cur dhibh an t-seann duine le ghniomhran,
10
ʼSa cur oirbh an duine ùir, esan a thʼ air ath-nuadhachadh ann an eolas, a reir iomhaigh an Ti, a chruthaich e:
11
Far nach eil cinneach no Iudhach, timchioll-ghearradh no neo-thimchioll-ghearradh, borb-fhear no Sithianach, daoranach no saoranach: ach se Criosta a h-uile ni, agus anns a h-uile ni.
12
Cuiribhse ma ta oirbh, mar dhaoine taghte Dhe, naomh, agus ionmhuinn, innibh na trocaire, caoimhneas, irioslachd, stuamachd, faighidin:
13
A cur suas ri cheile, ʼsa mathadh dha cheile, ma tha aobhar gearain aig neach an aghaidh neach: mar thug an Tighearna mathanas duibh fhein, thugaibhse mathanas mar an ciadna.
14
Ach fos an cionn so uile biodh a charrantachd agaibh, ʼs gur i bann na coimhliontachd,
15
Agus dianadh sith Chriosta aoibhneas ʼnur cridheachan, anns a bheil sibh air ar gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
16
Gabhadh facal Chriosta comhnuidh unnaibh gu pailt anns a h-uile gliocas, a teagasg ʼsa g-earalachadh a cheile le sailm, le laoidhean, agus le dàin spioradail, a seinn do Dhia gu grasmhor ʼnur cridheachan.
17
Agus ciod air bith a ni sibh ann am facal, no ʼn gniomh, dianaibh gach ni ann an ainm an Tighearna Iosa Criosta, a toirt taing do Dhia ʼs do ʼn Athair troimh-san.
18
A mhnathan, bithibh umhailt dha ʼr fir, mar is còir, anns an Tighearna.
19
Fheara, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, ʼs na bithibh coimheach riu.
20
A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan anns gach ni: oir tha so taitneach do ʼn Tighearna.
21
Aithriche, na brosnaichibh ur clann gu feirg, eagal gun caill iad am misneach.
22
A sheirbhisich, bithibh umhailt anns a h-uile ni dha ʼr maighistirean a reir na feola, cha n-ann le seirbhis-shula, mar a toileachadh dhaoine, ach le aon-fhillteachd cridhe, ann an eagal De.
23
Ciod air bith ni ris am bi sibh, dianaibh e bho ʼr cridhe, mar do Dhia, ʼs cha n-ann do dhaoine:
24
Le fios a bhith agaibh gum faigh sibh bho ʼn Tighearna duais na h-oighreachd. Do ʼn Tighearna Criosta dianaibhse seirbhis.
25
Oir esan a ni cron, an ni sin a rinn e gu h-olc, gheobh e ga chionn: ʼs cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach pearsa.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
Recommended Reading
Commentary
Colossians Commentaries
→
Devotional
Colossians Devotional Guide
→
Get This Bible
MacEachen Study Bible
→