bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Colossians 4
Colossians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
A mhaighistirean, thugaibh dha ʼr seirbhisich na tha ceart agus freagrach, a tuigsinn gum beil maighistir agaibh fhein air neamh.
2
Bithibh dian ann an urnaigh, a dianamh faire innte le taingealachd:
3
A g-urnaigh air ar son-ne cuideachd, los gum fosgail Dia dorus cainnte dhuinn, gu mistire Chriosta labhairt (air son a bheil mise ann an cuibhrichean),
4
Gus an soilleirich mi i anns an t-seol, san tigeadh dhomh labhairt.
5
Imichibh le gliocas a thaobh na feadhnach a tha muigh, a deagh-bhuileachadh na h-aimsir.
6
Biodh ur comhradh daonnan ciatach, blasda le salunn, los gun tuig sibh ciamar is còir dhuibh a h-uile duine a fhreagairt.
7
Air a h-uile ni dha ʼm thaobhsa, bheir Tichicus, ar brathair ro ghradhach, us fear-frithealaidh dileas, agus co-sheirbhiseach anns an Tighearna, brath dhuibh,
8
A chuir mi gu ʼr n-ionnsuidh a dhʼ aon ghnothach gu fios a bhith aige air na tha tachairt agaibhse, ʼs gu furtachd a thoirt dha ʼr cridheachan,
9
Maille ri Onesimus, brathair ro ghradhach agus dileas, fear dhibh fhein. Air gach ni, a thathas a dianamh an so, bheir iad brath dhuibh.
10
Tha Aristarchus, mo cho-phriosanach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Marcus mac brathair-mathar Bharnabais, muʼn dʼ fhuair sibh faintean: ma thig e h-ugaibh, gabhaibh ris:
11
Agus Iesus, ris an canar Iustus, a tha dhe ʼn timchioll-ghearradh; ʼs iadsan a mhain mo luchd-cuideachaidh a thaobh rioghachd Dhe, ʼsa bha ʼnan sòlas domh.
12
Tha Epaphras a cur bheannachd h-ugaibh, fear dhibh fhein, seirbhiseach Iosa Criosta, a tha daonnan curamach as ur leth ʼna urnaighean, gun seas sibh coimhlionta, agus iomlan ann an uile thoil De.
13
Oir tha mi toirt teisteanais air, gum beil e gabhail morain de shaothair ribh, agus riusan a tha ann an Laodicéa, agus riusan ann an Hierapolis.
14
Tha Luc, an leigh ro ghaolach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Demas.
15
Cuiribh fàilt air na braithrean a tha an Laodicéa, ʼs air Nimphas, ʼs air an eaglais, a tha ʼna thigh.
16
ʼS nuair a leughar an litir so leibh, faicibh gun leughar i cuideachd ann an eaglais muinntir Laodicéa; ʼs gun leugh sibhse litir muinntir Laodicéa.
17
ʼS abraibh ri Archippus: Thoir an aire do ʼn fhrithealadh, a fhuair thu san Tighearna, gun coimhlion thu e.
18
Beannachd Phoil le mo laimh fhein. Bithibh cuimhneach air mo cheanglaichean, Grasan gun robh maille ribh. Amen.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4
Recommended Reading
Commentary
Colossians Commentaries
→
Devotional
Colossians Devotional Guide
→
Get This Bible
MacEachen Study Bible
→