bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Timothy 2
1 Timothy 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
1
Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachais airson nan uile dhaoine:
2
Airson rìghrean, agus airson nan uile a tha ann an ùghdarras: a‑chum gun caith sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail, anns an uile dhiadhachd agus chiatachd.
3
Oir tha seo math agus taitneach am fianais Dhè ar Slànaighear:
4
Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn.
5
Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;
6
A thug e fhèin na èirig airson nan uile, mar fhianais ann an àm iomchaidh:
7
A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear-teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn.
8
Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas:
9
Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;
10
Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean.
11
Fòghlamadh a’ bhean ann an ciùineas leis an uile ùmhlachd.
12
Ach chan eil mi a’ ceadachadh do mhnaoi teagasg a thoirt uaipe, no ceannas a ghlacadh air an fhear, ach i a bhith na tosd.
13
Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.
14
Agus cha b’e Adhamh a mhealladh, ach air don mhnaoi a bhith air a mealladh, bha i anns a’ chionta.
15
Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6