bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Timothy 3
1 Timothy 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
Is ràdh fìor seo, Ma tha togradh aig duine air bith a‑chum dreuchd easbaig, tha e a’ miannachadh deagh obrach.
2
Uime sin is còir do easbaig a bhith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh-bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;
3
Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo-thuasaideach, neo-shanntach;
4
Na dhuine a riaghlas a thaigh fhèin gu math, aig a bheil a chlann fo smachd maille ris an uile shuidheachadh inntinn;
5
(Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?)
6
Gun a bhith na nuadh-chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail.
7
Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail.
8
Mar an ceudna is còir do na dèaconan a bhith suidhichte, gun an teanga a bhith leam-leat, gun a bhith cionail air mòran fìona, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich,
9
A’ cumail rùn-diamhair a’ chreidimh ann an cogais ghlain.
10
Agus biodh iadsan mar an ceudna air an dearbhadh an toiseach; agus an sin gnàthaicheadh iad dreuchd dèacoin, air dhaibh a bhith air am faghail neo-choireach.
11
Is amhail sin is còir do na mnathan a bhith suidhichte, gun a bhith nan luchd-tuaileis; ach a bhith measarra, ionraic anns na h‑uile nithean.
12
Biodh na dèacoin nam fir aon mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an taighe fhèin gu math.
13
Oir an dream a ghnàthaich dreuchd dèacoin gu math, tha iad a’ cosnadh deagh cheum dhaibh fhèin, agus dànachd mhòr anns a’ chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.
14
Tha mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo ad ionnsaigh an dòchas teachd gu grad ad ionnsaigh:
15
Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn.
16
Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6