bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Kings 1
2 Kings 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 2 →
1
Agus rinn Mòab ceannairc an aghaidh Israeil an dèidh bàs Ahaib.
2
Agus thuit Ahasiah sìos tro chliath-uinneig na sheòmar uachdarach a bha ann an Samaria, agus bha e tinn; agus chuir e teachdairean uaithe, agus thubhairt e riu, Rachaibh, fiosraichibh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, an tig mi on tinneas seo.
3
Ach thubhairt aingeal an Tighearna ri Eliah an Tisbitheach, Eirich, falbh suas an coinneamh teachdairean rìgh Shamaria, agus abair riu, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha sibh a’ dol a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin?
4
A‑nis uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh, On leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. Agus dh’fhalbh Eliah.
5
Agus nuair a thill na teachdairean da ionnsaigh, thubhairt e riu, Carson a tha sibh air tilleadh?
6
Agus thubhairt iadsan ris, Thàinig duine a‑nìos nar coinneamh, agus thubhairt e rinn, Rachaibh, tillibh a dh’ionnsaigh an rìgh a chuir uaithe sibh, agus abraibh ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha thu a’ cur theachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin? Uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.
7
Agus thubhairt e riu, Ciod e coslas an duine a thàinig a‑nìos nur coinneamh, agus a labhair ribh na briathran sin?
8
Agus thubhairt iadsan ris, Duine molach, agus e crioslaichte le crios leathair ma leasraidh. Agus thubhairt esan, Is e Eliah an Tisbitheach a bha ann.
9
Agus chuir an rìgh da ionnsaigh ceannard lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh e suas da ionnsaigh, (agus, feuch, bha e na shuidhe air mullach slèibhe) agus labhair e ris, A dhuine le Dia, thubhairt an rìgh, Thig a‑nuas.
10
Agus fhreagair Eliah, agus thubhairt e ri ceannard an lethcheud, Agus mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do lethcheud. Agus thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a lethcheud.
11
Agus a‑rìs chuir e da ionnsaigh ceannard eile lethcheud, maille ra lethcheud; agus labhair e, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, mar seo thubhairt an rìgh, Thig a‑nuas gu grad.
12
Agus fhreagair Eliah agus thubhairt e riu, Mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do lethcheud. Agus thàinig teine Dhè a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a lethcheud.
13
Agus a‑rìs chuir e uaithe ceannard an treas lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh an treas ceannard lethcheud suas, agus thàinig e, agus leig e e fhèin air a ghlùinean fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, biodh, guidheam ort, m’anam-sa, agus anam an lethcheud òglach seo agad, luachmhor ad shùilean.
14
Feuch, thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas a’ chiad dà cheannard lethcheud, maille rin lethcheudan; ach a‑nis biodh m’anam-sa luachmhor ad shùilean.
15
Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Eliah, Falbh sìos maille ris; na biodh eagal ort roimhe. Agus dh’èirich e, agus chaidh e sìos maille ris a dh’ionnsaigh an rìgh.
16
Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, mar nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh de a fhacal, uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.
17
Agus fhuair e bàs, a rèir facal an Tighearna, a labhair Eliah: agus rìghich Iehoram na àite, anns an dara bliadhna de Iehoram mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, a chionn nach robh mac aige.
18
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ahasiah a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25