bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Kings 11
2 Kings 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 12 →
1
Agus nuair a chunnaic Ataliah màthair Ahasiah gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i an sliochd rìoghail uile.
2
Ach ghabh Iehoseba, nighean rìgh Ioraim, piuthar Ahasiah, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean: agus dh’fhalaich iad e o Ataliah air chor is nach do mharbhadh e,
3
Agus bha e maille rithe am falach ann an taigh an Tighearna rè sia bliadhna: agus rìghich Ataliah os cionn na tìre.
4
Agus air an t‑seachdamh bliadhna chuir Iehoiada fios uaithe, agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus thug e a‑steach da ionnsaigh iad do thaigh an Tighearna, agus rinn e coicheangal riu, agus ghabh e mionnan dhiubh ann an taigh an Tighearna, agus dh’fheuch e dhaibh mac an rìgh.
5
Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid a’ gleidheadh faire taigh an rìgh:
6
Agus bidh trian aig geata Shuir, agus trian aig a’ gheata air cùlaibh an fhreiceadain: mar seo gleidhidh sibh faire an taighe, a‑chum nach brisear a‑steach air.
7
Agus gleidhidh dà chuid dhibhse uile a thèid a‑mach air an t‑sàbaid, gleidhidh eadhon iadsan faire taigh an Tighearna mun cuairt air an rìgh.
8
Agus cuartaichidh sibh an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh: agus esan a thig an taobh a‑staigh de na sreathan, marbhar e; agus bithibh-se maille ris an rìgh nuair a thèid e a‑mach, agus nuair a thig e a‑steach.
9
Agus rinn na ceannardan-cheud a rèir gach nì a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear dhiubh a dhaoine a bha a’ dol a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha a’ dol a‑mach air an t‑sàbaid, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Iehoiada an sagart.
10
Agus thug an sagart do na ceannardan-cheud sleaghan agus sgiathan rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh an Tighearna.
11
Agus sheas am freiceadan, gach fear le a airm na làimh, mun cuairt air an rìgh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh.
12
Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.
13
Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, a‑steach do thaigh an Tighearna.
14
Agus nuair a dh’amhairc i, feuch, sheas an rìgh làimh ri post, mar a bu ghnàth, agus na h‑uachdarain, agus na trompadairean làimh ris an rìgh; agus rinn sluagh na tìre uile gàirdeachas, agus shèid iad le trompaidean: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus dh’èigh i, Foill, foill!
15
Ach dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud, a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuirear gu bàs i ann an taigh an Tighearna.
16
Agus thug iad comas dhi agus dh’imich i air an t‑slighe air an tig na h‑eich gu taigh an rìgh, agus mharbhadh an sin i.
17
Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar an Tighearna agus an rìgh agus an sluagh gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an rìgh agus an sluagh.
18
Agus chaidh sluagh na tìre uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e; a altairean agus a dhealbhan bhris iad gu tur; agus mharbh iad Matan, sagart Bhàail, fa chomhair nan altair: agus chuir an sagart luchd-riaghlaidh os cionn taigh an Tighearna.
19
Agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus sluagh an tìre uile; agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna, agus thàinig iad rathad geata an fhreiceadain gu taigh an rìgh: agus shuidh e air cathair nan rìgh.
20
Agus rinn sluagh na tìre uile gàirdeachas, agus bha am baile sàmhach: agus mharbh iad Ataliah leis a’ chlaidheamh làimh ri taigh an rìgh.
21
Seachd bliadhna a dh’aois bha Iehoas nuair a thòisich e air rìoghachadh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25