bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Esther 5
Esther 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 6 →
1
A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.
2
Agus nuair a chunnaic an rìgh Ester a’ bhànrighinn na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh-ghean na shealladh: agus shìn an rìgh a‑mach gu Ester an t‑slat-òir rìoghail a bha na làimh: agus thàinig Ester am fagas, agus bhean i ri bàrr na slaite.
3
An sin thubhairt an rìgh rithe, Ciod as àill leat, a bhànrighinn Ester? Agus ciod e d’iarrtas? Gu ruig leth na rìoghachd bheirear dhut e.
4
Agus fhreagair Ester, Mas math leis an rìgh, thigeadh an rìgh agus Hàman an‑diugh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich mi dha.
5
Agus thubhairt an rìgh, Greasaibh Hàman a dhèanamh mar a thubhairt Ester. Agus thàinig an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester.
6
Agus thubhairt an rìgh ri Ester aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.
7
Agus fhreagair Ester, agus thubhairt i, Is i m’athchuinge agus m’iarrtas:
8
Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh.
9
Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai.
10
Gidheadh chùm Hàman air fhèin, agus chaidh e dhachaigh: agus chuir e fios uaithe, agus thug e air a chàirdean teachd da ionnsaigh, agus air Seres a bhean.
11
Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.
12
Thubhairt Hàman mar an ceudna, Os bàrr, cha tug Ester a’ bhànrighinn duine air bith a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich i, ach mi fhèin; agus mar an ceudna a‑màireach, tha mi air mo chuireadh leatha maille ris an rìgh.
13
Gidheadh cha dèan seo uile a’ bheag de mhath dhomh, am feadh a chì mi Mordecai an t‑Iùdhach na shuidhe ann an geata an rìgh.
14
Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich lethcheud làmh-choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10