bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Esther 7
Esther 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 8 →
1
Agus thàinig an rìgh agus Hàman a‑chum na cuirme maille ri Ester a’ bhànrighinn.
2
Agus thubhairt an rìgh ri Ester mar an ceudna air an dara là aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge, a bhànrighinn Ester? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.
3
Agus fhreagair Ester a’ bhànrighinn, agus thubhairt i, Ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, a rìgh, agus mas math leis an rìgh, thugar dhomh m’anam air m’athchuinge, agus mo shluagh air m’iarrtas:
4
Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.
5
Agus fhreagair rìgh Ahasuerus, agus thubhairt e ri Ester a’ bhànrighinn, Cò e seo? Agus càit a bheil esan, aig an robh de dhànadas na chridhe dèanamh mar sin?
6
Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.
7
Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh.
8
Agus thill an rìgh o lios na lùchairt gu taigh cuirm an fhìona; agus bha Hàman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an rìgh, An èignich e a’ bhànrighinn mar an ceudna am làthair ann am thaigh? Nuair a chaidh am facal à beul an rìgh, chòmhdaich iad aghaidh Hàmain.
9
Agus thubhairt Harbonah, aon de na caillteanaich, an làthair an rìgh, Feuch, tha mar an ceudna a’ chroich a rinn Hàman do Mhordecai, a labhair math airson an rìgh, na seasamh ann an taigh Hàmain, lethcheud làmh-choille air àirde. Agus thubhairt an rìgh, Crochaibh e oirre.
10
Agus chroch iad Hàman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an rìgh.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10