bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Galatians 3
Galatians 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg?
2
Seo a‑mhàin a b’àill leam fhòghlam uaibh, An ann o obraichean an lagha a fhuair sibh an Spiorad, no o èisdeachd a’ chreidimh?
3
A bheil sibh cho amaideach is sin? Air dhuibh tòiseachadh anns an Spiorad, a bheil sibh a‑nis air ur dèanamh foirfe leis an fheòil?
4
An d’fhuiling sibh na h‑uiread sin de nithean gu dìomhain, mas ann da‑rìribh gu dìomhain?
5
An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo?
6
Eadhon mar a chreid Abrahàm Dia, agus a mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
7
Uime sin biodh fhios agaibh an dream a tha den chreideamh, gur iad sin clann Abrahàim.
8
Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa.
9
Uime sin tha an dream a tha den chreideamh air am beannachadh maille ri Abrahàm, fìor-chreidmheach.
10
Oir a mheud is a tha de obraichean an lagha, tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha a‑chum an dèanamh.
11
Ach is nì follaiseach nach fìreanaichear neach sam bith tre an lagh ann am fianais Dhè: oir, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
12
Agus chan eil an lagh o chreideamh: ach, An duine a nì iad gheibh e beatha annta.
13
Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:
14
A‑chum gun tigeadh beannachadh Abrahàim air na Cinnich tre Iosa Crìosd; ionnas gum faigheamaid gealladh an Spioraid tre chreideamh.
15
A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris.
16
A‑nis is ann do Abrahàm a thugadh na geallaidhean, agus da shìol. Chan abair e, Agus do shìolan, mar gum biodh e a’ labhairt mu mhòran; ach mar mu aon, Agus dod shìol-sa, neach as e Crìosd.
17
Agus tha mi ag ràdh seo, nach fhaodar gun cuir an lagh, a thugadh an ceann ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead na dhèidh, an coicheangal an neo-bhrìgh, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann an Crìosd, ionnas gun cuireadh e an gealladh air cùl.
18
Oir mas ann on lagh a tha an oighreachd, chan eil i nas mò on ghealladh: ach thug Dia gu saor i do Abrahàm tre ghealladh.
19
Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar-mheadhonair.
20
A‑nis an t‑eadar-mheadhonair chan ann airson aoin a tha e na eadar-mheadhonair; ach is aon Dia.
21
Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd.
22
Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn.
23
Ach mun tàinig an creideamh, choimheadadh sinn fon lagh, air ar druideadh a‑steach a‑chum a’ chreidimh a bha gu bhith air fhoillseachadh.
24
Uime sin b’e an lagh ar n‑oide-fòghlaim gu ar treòrachadh gu Crìosd, a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh tre chreideamh.
25
Ach air teachd don chreideamh, chan eil sinn nas mò fo oide-fòghlaim.
26
Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.
27
Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.
28
Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.
29
Agus mas le Crìosd sibh, is sibh sìol Abrahàim gun amharas, agus is oighreachan sibh a rèir a’ gheallaidh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6