bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Galatians 6
Galatians 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
1
A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.
2
Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd.
3
Oir ma shaoileas duine gur nì‑eigin e fhèin, gun a bhith ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.
4
Ach dearbhadh gach neach a obair fhèin, agus an sin bidh adhbhar gàirdeachais aige da thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a‑thaobh neach eile.
5
Oir giùlainidh gach neach a uallach fhèin.
6
Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.
7
Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol-chuireas duine, an nì ceudna buainidh e.
8
Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.
9
Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.
10
Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh-san a tha de theaghlach a’ chreidimh.
11
Tha sibh a’ faicinn meud na litreach a sgrìobh mi dhuibh lem làimh fhèin.
12
A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall-ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur-leanmhainn orra airson crann-ceusaidh Chrìosd.
13
Oir chan eil iadsan fhèin a tha air an timcheall-ghearradh a’ coimhead an lagha: ach is àill leo sibhse a bhith air ur timcheall-ghearradh, a‑chum is gun dèan iad uaill nur feòil.
14
Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal.
15
Oir ann an Iosa Crìosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh.
16
Agus a mheud is a shiùbhlas a rèir na riaghailt seo, sìth orra, agus tròcair, agus air Israel Dhè.
17
O seo a‑mach na cuireadh neach sam bith dragh orm; oir tha mi a’ giùlan comharraidhean an Tighearna Iosa ann am chorp.
18
A bhràithrean, gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ri ur spiorad. Amen.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
All chapters:
1
2
3
4
5
6