bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Genesis 17
Genesis 17
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 18 →
1
Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.
2
Agus nì mi mo choicheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi thu gu h‑anabarrach.
3
Agus thuit Abram air a aodann: agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh,
4
Dom thaobh-sa, feuch tha mo choicheangal riutsa, agus bidh tu ad athair mòran chinneach.
5
Agus cha toirear o seo a‑mach Abram mar ainm ort, ach bidh Abrahàm agad mar ainm; oir rinn mi thu ad athair mòran chinneach.
6
Agus nì mi thu ro‑shìolmhor, agus nì mi dhìot cinnich, agus thig rìghrean a‑mach asad.
7
Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.
8
Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.
9
Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Coimheadaidh tu uime sin mo choicheangal, thu fhèin, agus do shliochd ad dhèidh, nan ginealaichean.
10
Seo mo choicheangal, a choimheadas sibh, eadar mise agus sibhse agus do shliochd ad dhèidh: Gun timcheall-ghearrar gach leanabh mic nur measg.
11
Agus timcheall-ghearraidh sibh feòil ur ro‑chraicinn; agus bidh e na chomharradh a’ choicheangail eadar mise agus sibhse.
12
Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.
13
Timcheall-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear ad thaigh, agus esan a cheannaichear led airgead: agus bidh mo choicheangal nur feòil-se mar choicheangal sìorraidh.
14
Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.
15
Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm.
16
Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.
17
An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?
18
Agus thubhairt Abrahàm ri Dia, O gum maireadh Ismael beò ad fhianais!
19
Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.
20
Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.
21
Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.
22
Agus sguir e de bhith a’ labhairt ris, agus chaidh Dia suas o Abrahàm.
23
Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.
24
Agus bha Abrahàm ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, nuair a thimcheall-ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn.
25
Agus bha Ismael a mhac trì-bliadhna-deug a dh’aois, nuair a thimcheall-ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn.
26
Anns a’ cheart là sin fhèin thimcheall-ghearradh Abrahàm, agus Ismael a mhac.
27
Agus thimcheall-ghearradh maille ris uile dhaoine a thaighe, a rugadh na thaigh, agus iadsan a cheannaicheadh le airgead o mhac coigrich.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50