bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Genesis 18
Genesis 18
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 19 →
1
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;
2
Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
3
Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;
4
Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;
5
Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu.
6
Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.
7
Agus ruith Abrahàm a dh’ionnsaigh a’ chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e do òganach e; agus rinn e deifir ga dheasachadh.
8
Agus ghabh e ìm, agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaibh iad; agus sheas e làimh riu fon chraoibh, agus dh’ith iad.
9
Agus thubhairt iad ris, Càit a bheil Sàrah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth.
10
Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.
11
A‑nis bha Abrahàm agus Sàrah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois; agus sguir Sàrah de bhith a rèir dòigh nam ban.
12
Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?
13
Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor?
14
A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.
15
An sin dh’àich Sàrah, ag ràdh, Cha do rinn mi gàire; oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Chan eadh, oir rinn thu gàire.
16
Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.
17
Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abrahàm an nì sin a tha mi gus a dhèanamh;
18
Agus gum fàs Abrahàm gu cinnteach na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gum beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn?
19
Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.
20
Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil glaodh Shòdoim agus Ghomorrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am peacadh air antromachadh gu h‑anabarrach;
21
Thèid mi sìos a‑nis, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn, bidh fhios agam.
22
Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.
23
Agus thàinig Abrahàm am fagas, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh?
24
Mas e is gu bheil lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth-cheud ionracan a tha ann?
25
Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?
26
Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sòdom lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sin caomhnaidh mi an t‑àit uile air an sgàth-san.
27
Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre:
28
Mas e is gum bi còignear a dh’uireasbhaidh air an lethcheud ionracan, an sgrios thu am baile uile airson easbhaidh chòignear? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e ma gheibh mi an sin còig agus dà‑fhichead.
29
Agus labhair e ris a‑rìs, agus thubhairt e, Mas e is gum faighear an sin dà‑fhichead? Agus thubhairt e, Cha dèan mi e air sgàth dà‑fhichead.
30
Agus thubhairt e ris, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Mas e is gum faighear an sin deich-ar‑fhichead? Agus thubhart e, Cha dèan mi e, ma gheibh mi an sin deich-ar‑fhichead.
31
Agus thubhairt e, Feuch a‑nis ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna: Mas e is gum faighear fichead an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e airson fichead.
32
Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear.
33
Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50