bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Lamentations 1
Lamentations 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Cia uaigneach a tha i na suidhe, a’ chathair a bha làn de dhaoine! Cionnas a dh’fhàs i mar bhantraich! Ise a bha mòr am measg nan cinneach, agus na h‑uachdaran am measg nan dùthchannan, cionnas a tha i air teachd fo chìs!
2
Tha i ri gul geur anns an oidhche, agus a deòir air a gruaidhean; fear-comhfhurtachd air bith chan eil aice am measg a h‑uile luchd-gaoil; bhuin a càirdean uile gu fealltach rithe, dh’fhàs iad nan naimhdean dhi.
3
Dh’imich Iùdah air falbh ann am braighdeanas; ann an an‑shocair, agus ann an daorsa mhòir, tha i a chòmhnaidh am measg nan cinneach; chan eil i a’ faotainn suaimhneis air bith; rug a luchd-ruagaidh uile oirre eadar na cunglaichean.
4
Tha ròidean Shioin ri bròn, a chionn nach eil aon neach a’ teachd a‑chum na h‑àrd-fhèille; tha a geatachan uile fàs; tha a sagartan ag acain; tha a h‑òighean fo leòn, agus tha i fhèin ann an searbhadas.
5
Is iad a h‑eascairdean a tha an uachdar, tha a naimhdean a’ soirbheachadh; oir leòn an Tighearna i airson lìonmhorachd a lochdan; dh’fhalbh a clann am braighdeanas fa chomhair an nàmhaid.
6
Agus dhealaich a sgèimh uile ri nighinn Shioin; tha a prionnsachan air fàs mar fhèidh nach eil a’ faotainn ionaltraidh; agus dh’imich iad gun neart ron fhear-ruagaidh.
7
Chuimhnich Ierusalem ann an là a h‑àmhghair, agus a truaighe, air a h‑uile nithean sòlasach a bha aice anns na làithean o shean; an tràth thuit a daoine ann an làimh an nàmhaid, agus nach do rinn neach a cuideachadh; chunnaic na naimhdean, agus rinn iad fanaid air a sàbaidean.
8
Pheacaich Ierusalem gu trom; air an adhbhar sin tha i air a h‑atharrachadh: iadsan uile a thug urram dhi, tha iad ri tàir oirre, a chionn gum faca iad a lomnochdaidh; seadh, tha ise ri caoidh, agus a’ tionndadh air a h‑ais.
9
Bha a salchar na sgiobaill; cha robh i cuimhneach air a crìch dheireannaich; uime sin thugadh i a‑nuas gu h‑iongantach; chan eil fear-comhfhurtachd aice: amhairc, O Thighearna, air m’àmhghar, oir mheudaich an nàmhaid e fhèin.
10
Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal.
11
Tha a sluagh uile ag osnaich; tha iad ag iarraidh arain; thug iad an nithean luachmhor airson lòin, a chumail beò an anama: feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near, mar tha mi air fàs suarach.
12
O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.
13
Chuir e teine a‑nuas, agus thug e air dol a‑steach dom chnàmhan, agus bhuadhaich e orra; sgaoil e lìon airson mo chas; thill e mi air m’ais: rinn e fàs mi, fad an là ri caoidh.
14
Tha a’ chuing air a ceangal; tha mo lochdan air an snìomh le a làimh, tha iad air an càradh mum mhuineal; thug e air mo threise tuiteam, thug an Tighearna thairis mi dan làmhan, chan urrainn mi èirigh suas.
15
Shaltair an Tighearna fo chois m’uile dhaoine cumhachdach ann am mheadhon: ghairm e coitheanal am aghaidh a bhruthadh mo dhaoine òga; mar ann an amar-bruthaidh fìona, bhrùth an Tighearna òigh-nighean Iùdah.
16
Airson nan nithean seo guilidh mi; tha mo shùil, mo shùil a’ sileadh sìos le uisge; a chionn gu bheil am fear-comhfhurtachd, a bheireadh fuasgladh dom anam, fada uam: tha mo chlann uaigneach, a chionn gun tug an nàmhaid buaidh.
17
Tha Sion a’ sgaoileadh a‑mach a làmh, chan eil neach ann a thoirt dhi comhfhurtachd; dh’àithn an Tighearna a‑thaobh Iàcoib a naimhdean a bhith air gach taobh mun cuairt dha; tha Ierusalem nam measg mar aon a chuireadh air leth airson neòghlaine.
18
Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.
19
Ghairm mi air mo leannain, ach mheall iad mi; thug mo shagartan agus mo sheanairean suas an deò anns a’ chathair, am feadh a dh’iarr iad am biadh gu cobhair air an anam.
20
Feuch, O Thighearna, mar a tha mi ann an teinn; tha mo chom fo thrioblaid; tha mo chridhe air tionndadh an taobh a‑staigh dhìom; oir chiontaich mi gu trom: a‑muigh tha claidheamh a’ sgrios, a‑staigh tha amhail bàis.
21
Chuala iad mar a rinn mi acain, ach chan eil neach ann a thoirt dhomh comhfhurtachd; chuala mo naimhdean uile m’àmhghar; rinn iad gàirdeachas a chionn gun do rinn thusa sin: bheir thusa gu crìch an là a ghairm thu, agus bidh iadsan cosmhail riumsa.
22
Thigeadh an aingidheachd uile fad chomhair; agus dèan riu mar a rinn thu riumsa airson m’uile lochdan: oir tha m’osnaidhean lìonmhor, agus mo chridhe lag.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5