bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Malachi 2
Malachi 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
1
Agus a‑nis dhuibhse tha an àithne seo, O shagartan.
2
Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm-sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.
3
Feuch, bheir mi air an t‑sìol nach fàs e, agus tilgidh mi aolach nur n‑aghaidh, aolach ur n‑àrd-fhèillean; agus giùlainear sibh fhèin maille ris.
4
Agus aithnichidh sibh gun do chuir mise dur n‑ionnsaigh an àithne seo, a‑chum gum maireadh mo choicheangal le Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh.
5
Bha mo choicheangal ris-san, mu thimcheall beatha agus sìthe, agus thug mi dha iad, airson an eagail leis an robh eagal air romham, agus leis an robh geilt air rom ainm.
6
Bha lagh na fìrinn na bheul, agus cha d’fhuaireadh aingidheachd na bhilean; ghluais e leamsa ann an sìth agus ann an ionracas, agus thill e mòran air falbh o euceart.
7
Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh.
8
Ach chaidh sibh air seachran on t‑slighe: thug sibh air mòran tuisleachadh air an reachd: thruaill sibh coicheangal Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh.
9
Uime sin rinn mise fòs sibhse suarach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, a rèir mar nach do choimhead sibh mo shlighean, ach gu robh sibh leth-bhreitheach anns an lagh.
10
Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean?
11
Bhuin Iùdah gu fealltach, agus chuireadh gràinealachd an gnìomh ann an Israeil agus ann an Ierusalem; oir thruaill Iùdah naomhachd Dhè as ionmhainn leis, agus phòs e nighean de choimhich.
12
Gearraidh an Tighearna as an duine a nì seo; am fear-faire, agus am fear-freagraidh, a‑mach à pàilleanan Iàcoib; agus esan a bheir tabhartas do Thighearna nan sluagh.
13
Agus seo fòs rinn sibh; chòmhdaich sibh le deòir altair an Tighearna, le gul, agus le èigheach; ionnas nach eil suim aige de thabhartas nas mò, agus cha ghabh e le deagh-ghean ur làimh e.
14
Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do choicheangail.
15
Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.
16
Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh: agus esan a dh’fhalaicheas ainneart le a thrusgan, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Uime sin biodh faiceall agaibh air ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach.
17
Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais?
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4