bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Malachi 4
Malachi 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.
2
Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.
3
Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh.
4
Cuimhnichibh-se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais.
5
Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.
6
Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4