bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Titus 1
Titus 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;
2
Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;
3
Ach dh’fhoillsich e a fhacal fhèin ann an àm iomchaidh tre shearmonachadh, a dh’earbadh riumsa, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear;
4
A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear.
5
Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut.
6
Ma tha neach sam bith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, aig a bheil a chlann creidmheach, nach eil fo mhì-chliù a‑thaobh ana-caitheimh, no eas-umhail:
7
Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;
8
Ach aoidheil, dèidheil air daoine matha, ciallach, cothromach, naomh, measarra;
9
A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
10
Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:
11
Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.
12
Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh-bheathaichean, builg mhall.
13
Tha an fhianais seo fìor: air an adhbhar sin cronaich gu geur iad, a‑chum gum bi iad fallain anns a’ chreideamh;
14
Gun a bhith a’ toirt aire do fhaoin-sgeulachdan Iùdhach, agus do àitheantan dhaoine, a thionndaidheas on fhìrinn.
15
Oir gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan don dream a tha glan: ach dhaibhsan a tha salach, agus mì‑chreidmheach, chan eil aon nì glan; ach tha an inntinn agus an cogais fhèin air an salachadh.
16
Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3