bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Titus 3
Titus 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
Cuir an cuimhne dhaibh a bhith umhail do uachdaranachdan agus do chumhachdan, freagarrach do luchd-riaghlaidh, ullamh a‑chum gach uile dheagh obrach,
2
Gun olc a labhairt mu neach air bith, a bhith neo-thuasaideach, mìn, a’ taisbeanadh an uile cheannsachd do na h‑uile dhaoine.
3
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.
4
Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine,
5
Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;
6
A dhòirt e oirnn gu saoibhir, tre Iosa Crìosd ar Slànaighear;
7
A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich.
8
Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.
9
Ach seachainn ceistean amaideach, agus sloinnteireachd, agus connspaidean, agus connsachadh mun lagh; oir tha iad gun tairbhe agus dìomhain.
10
Duine a tha na shaobh-chreidmheach, an dèidh na ciad agus na dara comhairle, diùlt:
11
Air do fhios a bhith agad gu bheil a leithid sin de dhuine air a chur bun-os‑cionn, agus gu bheil e a’ peacachadh, air dha a bhith air fhèin-dhìteadh.
12
Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh.
13
Thoir Senas am fear-lagha agus Apollos air an aghaidh anns an t‑slighe gu dùrachdach, a‑chum nach bi nì air bith a dh’uireasbhaidh orra.
14
Agus fòghlamadh ar muinntir-ne mar an ceudna deagh obraichean a dhèanamh gu dùrachdach fa chomhair ghnàthachadh feumail, a‑chum nach bi iad neo-thairbheach.
15
Tha an dream a tha maille rium uile a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte orra-san len ionmhainn sinn anns a’ chreideamh. Gràs maille ribh uile. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3