bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zephaniah 1
Zephaniah 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Facal an Tighearna a thàinig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithean Iosiah, mhic Amoin, rìgh Iùdah.
2
Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.
3
Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.
4
Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd-ìobraidh maille ris na sagartan;
5
Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham;
6
Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.
7
Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean.
8
Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich.
9
Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg.
10
Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.
11
Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh.
12
Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc.
13
Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon.
14
Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.
15
Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais;
16
Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda.
17
Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach.
18
Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3