bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Zephaniah 3
Zephaniah 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh.
2
Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia.
3
Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.
4
Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.
5
Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.
6
Gheàrr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach: rinn mi fàs an sràidean, air chor is nach eil aon gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach gan àiteachadh.
7
Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite-còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas.
8
Uime sin feithibh-se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud-sa.
9
Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.
10
O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd-athchuinge, am measg mo mhuinntir sgapte, tabhartas am ionnsaigh.
11
Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.
12
Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna.
13
Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.
14
Seinn, O nighean Shioin; tog iolach, O Israeil; bi ait, agus dèan gàirdeachas led uile chridhe, O nighean Ierusaleim.
15
Thug an Tighearna air falbh do bhreitheanais; thill Rìgh Israeil air falbh do naimhdean: tha an Tighearna ann ad mheadhon; chan fhaic thu olc nas mò.
16
Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag.
17
Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.
18
Cruinnichidh mi iadsan ad mheasg a tha ri caoidh airson an àrd-choitheanail, don robh a mhasladh na eallaich.
19
Feuch, millidh mise d’uile luchd-sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire.
20
Anns an àm sin bheir mi air ur n‑ais sibh; agus anns an àm anns an cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharas dhuibh ainm agus cliù am measg uile chinnich na talmhainn, nuair a thilleas mi air a h‑ais ur bruid fa chomhair an sùl-san, deir an Tighearna.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3