bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Corinthians 10
2 Corinthians 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 11 →
1
A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:
2
Ach tha mi ag iarraidh oirbh a dh’athchuinge, gun sibh a thoirt orm nuair a bhios mi an làthair a bhith dàn, leis a’ mhuinghinn leis an saoilear mi a bhith dàn an aghaidh dream àraidh a tha a’ toirt meas oirnn, mar gum bitheamaid ag imeachd a rèir na feòla.
3
Oir ged tha sinn ag imeachd anns an fheòil, chan ann a rèir na feòla a tha sinn a’ cogadh:
4
(Oir ar n‑airm‐chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)
5
A’ tilgeadh sìos reusonachaidh, agus gach nì àrd a dh’àrdaicheas e fhèin an aghaidh eòlas Dhè, agus a’ toirt ann am braighdeanas gach smuain a‑chum ùmhlachd Chrìosd:
6
Agus dìoghaltas ullamh againn ri dhèanamh air gach uile eas‐ùmhlachd, nuair a choileanar ur n‑ùmhlachd‐se.
7
An amhairc sibh air nithean a rèir an coslais? Ma tha dòchas aig aon neach as fhèin, gur le Crìosd e, smaoinicheadh e seo a‑rìs uaithe fhèin, mar as le Crìosd esan, gur le Crìosd sinne mar an ceudna.
8
Oir ged dhèanainn càil‐eigin nas mò de uaill as ar cumhachd‐ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail‐se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:
9
A‑chum nach measar mi mar gum bithinn a’ cur eagail oirbh le litrichean.
10
Oir tha a litrichean (tha iadsan ag ràdh) cudthromach agus làidir, ach tha an làthaireachd chorporra anfhann, agus a chainnt tàireil.
11
Smaoinicheadh a leithid sin de dhuine seo, mar a tha sinn ann am facal tre litrichean, agus sinn as làthair, mar sin gum bi sinn ann an gnìomh air dhuinn a bhith an làthair.
12
Oir chan eil de dhànadas againn sinn fhèin a chur an àireamh, no a choimeas ri dream àraidh a mholas iad fhèin: ach air dhaibhsan a bhith gan tomhas fhèin eatorra fhèin, agus gan coimeas fhèin riu fhèin, chan eil iad glic.
13
Ach cha dèan sinne uaill à nithean a tha thar ar tomhas, ach a rèir tomhas na riaghailt a roinn Dia dhuinn, eadhon tomhas a ruigeas oirbhse.
14
Oir chan eil sinn gar sìneadh fhèin thar ar tomhas, mar nach ruigeamaid sibhse; oir thàinig sinn eadhon dur n‑ionnsaigh‐se le soisgeul Chrìosd:
15
Gun sinn a bhith a’ dèanamh uaill à nithean a tha thar ar tomhas, eadhon à saothairean dhaoine eile; ach tha dòchas againn, nuair a mheudaichear ur creideamh‐se, gum faigh sinn farsaingeachd gu pailt annaibh a rèir ar riaghailt‐ne,
16
A‑chum an soisgeul a shearmonachadh anns na h‑ionadan an taobh thall dhibhse, agus chan ann a‑chum uaill a dhèanamh ann an riaghailt duine eile, à nithean a tha ullamh cheana.
17
Ach an tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.
18
Oir chan e an tì a mholas e fhèin a tha ionmholta, ach an tì a mholas an Tighearna.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13