bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Corinthians 9
2 Corinthians 9
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 10 →
1
Oir a‑thaobh frithealaidh do na naoimh, is neo‐fheumail dhòmhsa sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh:
2
Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud‐se ro‑mhòran.
3
Gidheadh chuir mi na bràithrean dur n‑ionnsaigh, air eagal gum biodh ar n‑uaill‐ne asaibh dìomhain anns a’ chùis seo; a‑chum, mar a thubhairt mi, gum biodh sibh ullamh:
4
Air eagal ma thig na Macedònaich maille rium, agus gum faigh iad sibhse neo‐ullamh, gum bi nàire oirnne (gun a ràdh oirbhse), à dànadas na h‑uaille seo.
5
Uime sin bhreithnich mi gum b’fheumail impidh a chur air na bràithrean, iad a dhol air tùs dur n‑ionnsaigh‐se, agus ur tabhartas, air an do labhradh ribh roimhe, a dhèanamh deas, a‑chum gum biodh sin ullamh, mar thìodhlac, agus chan ann mar nì a dh’aindeoin.
6
Ach seo tha mi ag ràdh, An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an tì a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna.
7
Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.
8
Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn‐leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.
9
(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Sgaoil e a chuid; thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd a‑ghnàth.
10
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear‐chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd‐se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)
11
Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith‐buidheachais do Dhia.
12
Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith‐buidheachais do Dhia;
13
(Air dhaibh a bhith, tre dhearbhadh an fhrithealaidh seo, a’ toirt glòire do Dhia airson ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson ur tabhartais fhialaidh dhaibhsan, agus do na h‑uile dhaoine:)
14
Agus tre an ùrnaigh air ur son‐se, aig a bheil mòr‐dhèidh oirbh airson gràs Dhè a tha ro‑phailt annaibh.
15
Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do‑labhairt.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13