bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Thessalonians 1
2 Thessalonians 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd:
2
Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3
Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:
4
Ionnas gu bheil sinne fhèin a’ dèanamh uaille asaibh ann an eaglaisean Dhè, airson ur foighidinn agus ur creidimh nur n‑uile gheur leanmhainnean agus àmhgharan a tha sibh a’ fulang:
5
Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart‐bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang:
6
Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh:
7
Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:
8
Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:
9
Muinntir air an dèanar peanas le sgrios sìorraidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd;
10
Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais‐ne nur measg‐se).
11
Air an adhbhar seo, tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh sìor‐ùrnaigh air ur son‐se, a‑chum gum meas ar Dia‑ne gur airidh sibh air a’ ghairm seo, agus gun coilean e uile dheagh‐ghean a mhaitheis, agus obair a’ chreidimh le cumhachd:
12
A‑chum gum bi ainm ar Tighearna Iosa Crìosd air a ghlòrachadh annaibh, agus sibhse annsan, a rèir gràs ar Dè, agus an Tighearna Iosa Crìosd.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3