bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Thessalonians 2
2 Thessalonians 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
1
A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, a‑thaobh teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, agus ar co‑chruinneachaidh‐ne da ionnsaigh,
2
Gun sibh a bhith gu h‑ealamh air ur crathadh nur n‑inntinn, no fo bhuaireas, le spiorad, no le facal, no le litir, mar uainne, mar gum biodh là Chrìosd am fagas.
3
Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn‐creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;
4
A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.
5
Nach cuimhne leibh, air dhomh a bhith fhathast maille ribh, gun d’innis mi na nithean seo dhuibh?
6
Agus is aithne dhuibh ciod a tha a’ bacadh a‑nis e a bhith air fhoillseachadh na àm fhèin.
7
Oir tha rùn‐diamhair na h‑an‑diadhachd ag obrachadh cheana, a‑mhàin gus an toirear air falbh an tì a tha a‑nis a’ bacadh.
8
Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd:
9
Eadhon esan, aig a bheil a theachd a rèir obrachadh Shàtain, maille ris an uile chumhachd, agus chomharraidhean, agus iongantasan breugach,
10
Agus maille ri uile mhealltaireachd na h‑eucoir anntasan a chaillear; a chionn nach do ghabh iad gràdh na fìrinn, a‑chum gun tèarainte iad.
11
Agus air a shon seo cuiridh Dia treun‐obrachadh meallaidh dan ionnsaigh, ionnas gun creid iad a’ bhreug:
12
A‑chum gum bi iad uile air an dìteadh nach do chreid an fhìrinn, ach aig an robh tlachd anns an eucoir.
13
Ach tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se, a bhràithrean ionmhainn don Tighearna, do bhrìgh gun do thagh Dia sibh o thùs a‑chum slàinte, tre naomhachadh an Spioraid, agus creidsinn na fìrinn:
14
A‑chum an do ghairm e sibh tre ar soisgeul‐ne, a‑chum sibh a dh’fhaotainn glòir ar Tighearna Iosa Crìosd.
15
Uime sin, a bhràithrean, seasaibh gu daingeann, agus cumaibh na teagasgan a thugadh dhuibh, co‑dhiù is ann le facal, no le ar litir‐ne.
16
A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair‐ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs,
17
Comhfhurtachd dur cridhe‐se, agus gun daingnicheadh e sibh anns gach uile dheagh fhacal agus ghnìomh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3