bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Timothy 1
2 Timothy 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
1
Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a rèir gealladh na beatha, a tha ann an Iosa Crìosd.
2
Gu Timòteus, mo mhac gràdhach: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.
3
Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean;
4
Air dhomh a bhith ro‑thogarrach air thusa fhaicinn, a’ cuimhneachadh do dheur, a‑chum gum bi mi air mo lìonadh le gàirdeachas;
5
Nuair a chuimhnicheas mi an creideamh neo‐chealgach a tha annadsa, a chòmhnaich air tùs ad sheanmhair Lois, agus ad mhàthair Eunice: agus is dearbh leam a tha annadsa mar an ceudna.
6
Air an adhbhar seo tha mi a’ cur an cuimhne dhut, thu a dh’ath‐bheothachadh tìodhlac Dhè, a tha annad tre chur mo làmh‐sa ort.
7
Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.
8
Uime sin na gabh‐sa nàire de fhianais ar Tighearna, no dhìomsa a phrìosanach: ach biodh do chuid agad de àmhghar an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè;
9
A shaor sinne, agus a ghairm sinn le gairm naoimh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin, agus a ghràis a thugadh dhuinn ann an Iosa Crìosd, ro thoiseach an t‑saoghail;
10
Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis tro theachd ar Slànaighir Iosa Crìosd, a chuir as don bhàs, agus a thug beatha agus neo‐bhàsmhorachd a‑chum solais, tre an t‑soisgeul;
11
A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol, agus am fhear‐teagaisg nan Cinneach:
12
An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.
13
Cùm gu daingeann samhladh fìrinneach nam briathar fallain, a chuala tu uamsa, ann an creideamh agus ann an gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.
14
Coimhead an taisgeach math sin a dh’earbadh riut, tre an Spiorad Naomh, a tha a chòmhnaidh annainn.
15
Tha fhios seo agad, gun do thill iadsan uile a tha anns an Asia uamsa; dem bheil Phigellus agus Hermogenes.
16
Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:
17
Ach nuair a bha e anns an Ròimh dh’iarr e a‑mach mi gu dìcheallach, agus fhuair e mi.
18
Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr‐fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4