bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Timothy 2
2 Timothy 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
1
Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.
2
Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna.
3
Fuiling thusa uime sin cruaidh‐chàs, mar dheagh shaighdear Iosa Crìosd.
4
Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear.
5
Agus mar an ceudna ged nì fear air bith spàirn, cha chrùnar e mura dèan e spàirn gu dligheach.
6
Is còir don treabhaiche a shaothraicheas air tùs, co‑roinn fhaotainn den toradh.
7
Smaoinich air na nithean a tha mi ag ràdh; agus gun tugadh an Tighearna dhut tuigse anns na h‑uile nithean.
8
Cuimhnich gun do thogadh o na mairbh Iosa Crìosd, de shìol Dhaibhidh, a rèir mo shoisgeil‐sa;
9
Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch‐bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte.
10
Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.
11
Is ràdh fìor seo, Ma bhàsaicheas sinn maille ris, gum bi sinn beò mar an ceudna maille ris:
12
Ma dh’fhuilingeas sinn, rìghichidh sinn mar an ceudna maille ris: ma dh’àicheas sinn e, àichidh esan sinne mar an ceudna:
13
Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.
14
Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun‐os‑cionn an luchd‐èisdeachd.
15
Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.
16
Ach seachainn faoin‐chainnt mhì‐naomh; oir thèid iad air aghaidh a‑chum an tuilleadh mì‑dhiadhachd.
17
Agus ithidh am facal mar chnàmhainn; dem bheil Himenèus agus Philètus;
18
Muinntir a‑thaobh na fìrinn a chaidh air seachran, ag ràdh gun deachaidh an aiseirigh cheana seachad; agus a tha a’ tilgeadh creideamh dream àraidh bun‐os‑cionn.
19
Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.
20
Ach ann an taigh mòr chan e a‑mhàin gu bheil soithichean òir, agus airgid, ach mar an ceudna soithichean fiodha, agus creadha; agus cuid dhiubh a‑chum urraim, agus cuid eile a‑chum eas‐urraim.
21
Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
22
Teich uime sin o ana‑miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan.
23
Ach seachainn ceistean amaideach agus neo‐fhòghlaimte, air dhut fios a bhith agad gun tog iad connsachadh.
24
Agus chan fhaod òglach an Tighearna a bhith connspaideach; ach ciùin ris na h‑uile dhaoine, ealamh a‑chum teagaisg, foighidinneach,
25
Ann an ceannsachd a’ teagasg na dream a sheasas na aghaidh; a dh’fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhaibh, a‑chum aidmheil na fìrinn;
26
Agus air mosgladh dhaibh gun tèid iad as o ribe an diabhail, aig a bheil iad air am beò‐ghlacadh a‑chum a thoile.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4