bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Acts 18
Acts 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
1
An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;
2
Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.
3
Agus a chionn gu robh e a dh’aon cheàird riu, dh’fhan e maille riu, agus bha e ag obair (oir bu cheàird dhaibh a bhith a’ dèanamh phàilleanan).
4
Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.
5
Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
6
Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.
7
Agus chaidh e as a sin, agus thàinig e gu taigh duine àraidh dom b’ainm Iustus, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia agus aig an robh a thaigh làimh ris an t‑sionagog.
8
Agus chreid Crispus, prìomh‐uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.
9
An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd:
10
Oir tha mise maille riut, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr‐shluagh agamsa anns a’ bhaile seo.
11
Agus dh’fhan e bliadhna agus sia mìosan an sin, a’ teagasg facal Dhè nam measg.
12
Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;
13
Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.
14
Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:
15
Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.
16
Agus dh’fhuadaich e iad o chathair a’ bhreitheanais.
17
An sin rug na Greugaich uile air Sostenes, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin.
18
Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris‐san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air.
19
Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.
20
Agus nuair a dh’iarr iad air fuireach maille riu na b’fhaide, cha d’aontaich e:
21
Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus.
22
Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.
23
Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile.
24
Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas‐bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.
25
Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.
26
Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta.
27
Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs:
28
Oir le mòr‐dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28