bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Acts 3
Acts 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.
2
Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:
3
Neach nuair a chunnaic e Peadar agus Eòin air tì dol a‑steach don teampall, a dh’iarr dèirc.
4
Agus air do Pheadar sealltainn gu geur air, maille ri Eòin, thubhairt e, Amhairc oirnne.
5
Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa.
6
An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich.
7
Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.
8
Agus leum e suas, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia.
9
Agus chunnaic an sluagh uile e ag imeachd, agus a’ toirt cliù do Dhia.
10
Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.
11
Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth‐thaigh ris an abrar sgàth‐thaigh Sholaimh, làn iongantais.
12
Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur‐amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?
13
Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.
14
Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;
15
Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
16
Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm‐san agus an creideamh a tha trìd‐san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair‐se uile.
17
Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain.
18
Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile, gum fuilingeadh Crìosd.
19
Air an adhbhar sin, dèanaibh‐se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
20
Agus a chuireas e Iosa Crìosd dur n‑ionnsaigh, a chaidh a ro‑òrdachadh:
21
Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.
22
Oir gu fìrinneach thubhairt Maois ris na h‑athraichean, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh, de ur bràithrean, mar mise; ris‐san èisdidh sibh anns na h‑uile nithean a labhras e ribh.
23
Agus tàrlaidh, gach anam nach èisd ris an fhàidh sin, gun sgriosar a‑mach as an t‑sluagh e.
24
Seadh, dh’fhoillsich na fàidhean uile o Shamuel, agus iadsan a lean o sin, a mheud dhiubh is a labhair ro‑làimh mu na làithean seo.
25
Is sibhse clann nam fàidhean, agus a’ choicheangail a rinn Dia ri ar n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, Agus ann ad shliochd‐sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.
26
Air do Dhia a Mhac Iosa a thogail suas, chuir e dur n‑ionnsaigh‐se e air tùs, a‑chum gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh iompachadh o ur lochdan.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28