bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Amos 4
Amos 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 5 →
1
Cluinnibh‐se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.
2
Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air a naomhachd, feuch, gun tig oirbh na làithean anns an toir e sibh air falbh le dubhanan, agus ur sliochd le dubhanan‐iasgaich.
3
Agus thèid sibh a‑mach air na bealaichean, gach bò air a’ bhealach ma coinneamh; agus tilgear sibh anns an taigh‐chasgairt, deir an Tighearna.
4
Rachaibh gu Betel agus ciontaichibh; aig Gilgal dèanaibh ur lochdan lìonmhor; agus thugaibh leibh ur n‑ìobairtean gach madainn, ur deicheamh gach trì bliadhna;
5
Agus ìobraibh ìobairt‐bhuidheachais le taois ghoirt, agus èighibh, cuiribh an cèill na saor‐thabhartasan; oir tha seo taitneach dhuibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.
6
Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal nur n‑uile bhailtean, agus gainne arain nur n‑uile lùchairtean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
7
Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.
8
Agus shiubhail dà no trì de bhailtean gu aon bhaile, a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsachadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
9
Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith‐reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn‐fhìge, agus ur croinn‐ola, dh’ith a’ phailm‐chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
10
Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
11
Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
12
Air an adhbhar sin mar seo nì mi riut, O Israeil; agus a chionn gun dèan mi seo riut, ullaich thu fhèin gu còdhail a chumail rid Dhia, O Israeil.
13
Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9