bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Amos 6
Amos 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 7 →
1
Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil.
2
Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch‐se?
3
Is truagh dhaibhsan a tha a’ cur an droch là fad uapa, agus a’ toirt am fagas àite‐suidhe an fhòirneirt:
4
A tha a’ laighe air leapaichean deud‐chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh‐bhiadhaidh:
5
A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan‐ciùil:
6
A tha ag òl fìona ann an cuachan, agus gan ungadh fhèin le tagha gach ola: ach nach eil duilich airson àmhghar Iòseiph.
7
Air an adhbhar sin a‑nis thèid iad ann am bruid leis a’ chiad chuid a dh’fhalbhas ann am braighdeanas; agus bheirear air falbh cuirm na muinntir a bha gan sìneadh fhèin.
8
Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann.
9
Agus tàrlaidh, ma dh’fhanas deichnear fhear ann an aon taigh, gum faigh iad bàs.
10
Agus togaidh caraid duine suas e, agus esan a loisgeas e, a‑chum na cnàmhan a thoirt a‑mach as an taigh; agus their e ris‐san a tha a‑staigh anns an taigh, A bheil aon neach fhathast leat? Agus their esan, Chan eil. An sin their e, Bi ad thosd. A chionn nach eil iad a’ toirt luaidh air ainm Iehòbhah.
11
Oir feuch, àithnidh an Tighearna, agus buailidh e an taigh mòr le beàrnan, agus an taigh beag le sgoltaidhean.
12
An ruith eich air carraig? An treabhar i le daimh? Oir thionndaidh sibh breitheanas gu domblas, agus toradh an ionracais gu iteodha.
13
Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin?
14
Agus, feuch, dùisgidh mise suas cinneach nur n‑aghaidh, O thaigh Israeil, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh; agus sàraichidh iad sibh o dhol a‑steach Hamait, gu ruig abhainn an fhàsaich.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9