bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Colossians 1
Colossians 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
1
Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair,
2
A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd.
3
Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a’ sìor‐dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se;
4
O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile;
5
Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:
6
A thàinig dur n‑ionnsaigh‐se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg‐se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.
7
A rèir fòs mar a dh’fhòghlaim sibh o Epaphras, ar co‑sheirbhiseach gràdhach‐ne, a tha air ur son‐se na mhinistear dìleas do Chrìosd;
8
A chuir an cèill dhuinne mar an ceudna ur gràdh‐se anns an Spiorad.
9
Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;
10
A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;
11
Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir‐san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad‐fhulangais maille ri gàirdeachas;
12
A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd‐compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:
13
A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh‐san:
14
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:
15
Neach as e ìomhaigh an Dè neo‐fhaicsinnich, ciad‐ghin a’ chruthachaidh uile:
16
Oir is ann leis‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo‐fhaicsinneach, mas àrd‐chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis‐san agus air a shon‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:
17
Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh.
18
Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad‐ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd‐cheannas anns na h‑uile.
19
Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan;
20
Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn‐cheusaidh‐san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
21
Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin,
22
Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo‐lochdach, agus neo‐choireach, na làthair:
23
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
24
Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son‐se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh‐làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp‐san, eadhon na h‑eaglais:
25
Don do rinneadh mise am mhinistear, a rèir stiùbhartachd Dhè a thugadh dhomh air ur son‐se, a choileanadh facal Dhè;
26
Eadhon an rùn‐diamhair a bha falaichte o na linntean, agus o na ginealaichean a chaidh seachad, ach a‑nis a tha air fhoillseachadh da naoimh‐san:
27
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin‐diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;
28
Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair‐san iomlan ann an Iosa Crìosd:
29
An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh‐san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4