bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Colossians 3
Colossians 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.
2
Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.
3
Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.
4
Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha‑ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
5
Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn‐collaidh, ana‑miannan, agus sannt, nì as iodhal‐adhradh;
6
Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas‐ùmhlachd,
7
Anns an robh sibhse mar an ceudna a’ gluasad uaireigin, nuair a bha sibh a’ caitheamh ur beatha annta.
8
Ach a‑nis cuiribh uaibh na nithean seo uile: fearg, corraich, mìorun, toibheum, cainnt shalach as ur beul.
9
Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan,
10
Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath‐nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:
11
Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‐ghearradh, no neo‐thimcheall‐ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.
12
Uime sin cuiribh‐se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad‐fhulangas;
13
A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis‐ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh‐se mar an ceudna.
14
Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd.
15
Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
16
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
17
Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd‐san.
18
A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna.
19
Fheara‑pòsda, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh nan aghaidh.
20
A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna.
21
Athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge, air eagal gun caill iad am misneach.
22
A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis‐sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:
23
Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine;
24
Air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sibh on Tighearna duais na h‑oighreachd: oir is ann don Tighearna Crìosd a tha sibh a’ dèanamh seirbhis.
25
Ach an tì a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoir a rinn e: agus chan eil leth‐bhreith ann.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
Recommended Reading
Commentary
Colossians Commentaries
→
Devotional
Colossians Devotional Guide
→
Get This Bible
Scottish Study Bible
→