bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ephesians 1
Ephesians 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
1
Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd:
2
Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
4
A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo‐choireach, na làthair‐san ann an gràdh:
5
A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd‐mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh‐ghean a thoile,
6
A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach:
7
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil‐san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
8
Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse;
9
A dh’fhoillsich dhuinn rùn‐diamhair a thoile, a rèir a dheagh‐ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin:
10
A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;
11
Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;
12
Ionnas gum bitheamaid‐ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire‐san.
13
Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh,
14
Neach as e geall‐daingnich ar n‑oighreachd‐ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire.
15
Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh‐se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile,
16
Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean;
17
Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan;
18
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme‐san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd‐san anns na naoimh;
19
Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh‐ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun‐neirt;
20
A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh,
21
Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:
22
Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais,
23
A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6