bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ephesians 5
Ephesians 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
1
Uime sin bithibh‐se nur luchd‐leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhaich;
2
Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh‐fhàile do Dhia.
3
Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neòghlaine, no sannt, uiread is air an ainmeachadh nur measg, mar as cubhaidh do naoimh:
4
No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth‐shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith‐buidheachais.
5
Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear‐strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal‐adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.
6
Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas‐ùmhlachd.
7
Na bithibh‐se uime sin nur luchd‐compàirt riu.
8
Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;
9
(Oir tha toradh an Spioraid anns an uile mhaitheas, agus ionracas, agus fhìrinn);
10
A’ dearbhadh ciod an nì a tha taitneach don Tighearna.
11
Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo‐thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.
12
Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas.
13
Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e.
14
Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut.
15
Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice,
16
Ag ath‐cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc.
17
Air an adhbhar sin na bithibh‐se neo‐ghlic, ach a’ tuigsinn ciod e toil an Tighearna.
18
Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:
19
A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna:
20
A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd;
21
Air dhuibh a bhith umhail da chèile ann an eagal Dhè.
22
A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar don Tighearna.
23
Oir is e am fear ceann na mnà, eadhon mar as e Crìosd ceann na h‑eaglais: agus is esan Slànaighear a’ chuirp.
24
Uime sin, mar a tha an eaglais umhail do Chrìosd, mar sin biodh na mnathan dam fir fhèin mar an ceudna anns gach nì:
25
Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son;
26
A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal;
27
A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo‐lochdach.
28
Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhèin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhèin: an tì a ghràdhaicheas a bhean, tha e ga ghràdhachadh fhèin.
29
Oir cha tug duine air bith riamh fuath da fheòil fhèin; ach altramaidh agus eiridnidh e i, eadhon mar a tha an Tighearna a’ dèanamh don eaglais:
30
Oir is buill sinn de a chorp, de a fheòil, agus de a chnàmhan‐san.
31
Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi, agus bidh an dithis nan aon fheòil.
32
Is diamhaireachd mhòr seo: ach tha mi a’ labhairt mu Chrìosd agus an eaglais.
33
Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leth gràdh da mhnaoi, amhail mar dha fhèin; agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6