bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Esther 3
Esther 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 4 →
1
An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite‐suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.
2
Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geata an rìgh iad fhèin, agus thug iad urram do Hàman, oir dh’àithn an rìgh mar sin da thaobh; ach cha do chrom Mordecai e fhèin, agus cha tug e urram dha.
3
Agus thubhairt seirbhisich an rìgh, a bha ann an geata an rìgh, ri Mordecai, Carson a tha thu a’ briseadh àithne an rìgh?
4
Agus nuair a labhair iad ris là an dèidh là, agus nach d’èisd e riu, an sin dh’innis iad e do Hàman, a dh’fheuchainn an seasadh briathran Mhordecai; oir dh’innis e dhaibh gum b’ Iùdhach e.
5
Agus chunnaic Hàman nach do chrom Mordecai e fhèin, agus nach tug e urram dha, agus bha Hàman làn feirge.
6
Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai na aonar, oir nochd iad dha sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Hàman na h‑Iùdhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai.
7
Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara‑bliadhna‑deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara‑mìos‐deug, is e sin mìos Adair.
8
Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr‐roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.
9
Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh‐san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh.
10
Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach.
11
Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Tha an t‑airgead air a thabhairt dhut, agus an sluagh, a dhèanamh riu mar as àill leat.
12
Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas‐là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd‐luchd‐riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr‐roinne, agus a‑chum cinn‐feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr‐roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.
13
Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean‐ruith gu uile mhòr‐roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas‐là‑deug den dara‑mìos‐deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.
14
B’e dùblachadh an sgrìobhaidh, Gun tugte àithne seachad anns gach mòr‐roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, iad a bhith deas fa chomhair an là sin.
15
Chaidh na gillean‐ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10