bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Esther 6
Esther 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 7 →
1
Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar‐cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh.
2
Agus fhuaireadh sgrìobhte gun d’innis Mordecai air Bigtana agus air Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, a dh’iarr làmh a chur ann an rìgh Ahasuerus.
3
Agus thubhairt an rìgh, Ciod an t‑urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai airson seo? Agus thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Cha do rinneadh nì air bith air a shon.
4
Agus thubhairt an rìgh, Cò a tha anns a’ chùirt? (A‑nis bha Hàman air teachd don chùirt a b’fhaide a‑muigh de thaigh an rìgh, a labhairt ris an rìgh, gum biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha.)
5
Agus thubhairt òglaich an rìgh ris, Feuch, tha Hàman na sheasamh anns a’ chùirt. Agus thubhairt an rìgh, Thigeadh e a‑steach.
6
Agus thàinig Hàman a‑steach: agus thubhairt an rìgh ris, Ciod a nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur? (A‑nis thubhairt Hàman na chridhe, Cò air an toil leis an rìgh urram a chur nas mò na orm fhèin?)
7
Agus fhreagair Hàman an rìgh, Airson an duine air an toil leis an rìgh urram a chur,
8
Thugar an làthair a’ chulaidh rìoghail a chuireas an rìgh air, agus an t‑each air am marcaich an rìgh, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann:
9
Agus thugar a’ chulaidh agus an t‑each do làimh aoin de uachdarain ro‑urramach an rìgh, agus sgeadaicheadh iad an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, agus thugadh iad air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus gairmeadh iad roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur.
10
Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Greas ort, gabh a’ chulaidh agus an t‑each mar a thubhairt thu, agus dèan mar sin do Mhordecai an t‑Iùdhach, a tha na shuidhe ann an geata an rìgh: na dearmaid nì air bith de na thubhairt thu.
11
An sin ghabh Hàman a’ chulaidh agus an t‑each, agus sgeadaich e Mordecai, agus thug e air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus ghairm e roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur.
12
Agus thill Mordecai gu geata an rìgh: ach ghreas Hàman da thaigh fhèin ri bròn, agus a cheann còmhdaichte.
13
Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe.
14
Nuair a bha iad fhathast a’ labhairt ris, thàinig caillteanaich an rìgh, agus rinn iad deifir gu Hàman a thabhairt a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10