bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezra 2
Ezra 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 3 →
1
Agus is iad seo clann na mòr‐roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis do Bhàbiloin, agus a thill gu Ierusalem agus Iùdah, gach fear da bhaile fhèin;
2
A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Seraiah, Realaiah, Mordecai, Bilsan, Mispar, Bigbhai, Rehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL.
3
Mic Pharois, dà mhìle, ceud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug.
4
Mic Sephatiah, trì cheud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug.
5
Mic Arah, seachd ceud, trì‐fichead agus a còig‐deug.
6
Mic Phahat‐mhòaib, de chloinn Iesua agus Ioaib, dà mhìle, ochd ceud agus a dhà‐dheug.
7
Mic Elaim, mìle, dà cheud, leth‐cheud agus a ceithir.
8
Mic Shatu, naoi ceud dà‑fhichead agus a còig.
9
Mic Shacai, seachd ceud agus trì‐fichead.
10
Mic Bhani, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà.
11
Mic Bhebai sia ceud, fichead agus a trì.
12
Mic Asgaid, mìle, dà cheud, fichead agus a dhà.
13
Mic Adonicaim, sia ceud, trì‐fichead agus a sia.
14
Mic Bhigbhai, dà mhìle, dà‑fhichead agus a sia‑deug.
15
Mic Adin, ceithir cheud, leth‐cheud agus a ceithir.
16
Mic Ateir o Heseciah, ceithir‐fichead agus a h‑ochd‐deug.
17
Mic Bhesai, trì cheud, fichead agus a trì.
18
Mic Iorah, ceud agus a dhà‐dheug.
19
Mic Hasuim, dà cheud, fichead agus a trì.
20
Mic Ghibair, ceithir‐fichead agus a còig‐deug.
21
Mic Bhetleheim, ceud, fichead agus a trì.
22
Daoine Netophah, dà‑fhichead agus a sia‑deug.
23
Daoine Anatoit, ceud, fichead agus a h‑ochd.
24
Mic Asmabheit, dà‑fhichead agus a dhà.
25
Mic Chiriat‐arim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.
26
Mic Ramah agus Gheba, sia ceud, fichead agus a h‑aon.
27
Daoine Mhichmais, ceud, fichead agus a dhà.
28
Daoine Bheteil agus Ai, dà cheud, fichead agus a trì.
29
Mic Nebo, dà‑fhichead agus a dhà‐dheug.
30
Mic Mhagbis, ceud, leth‐cheud agus a sia.
31
Mic Elaim eile, mìle, dà cheud, leth‐cheud, agus a ceithir.
32
Mic Harim, trì cheud agus fichead.
33
Mic Loid, Hadid, agus Ono, seachd ceud, fichead agus a còig.
34
Mic Iericho, trì cheud, dà‑fhichead agus a còig.
35
Mic Shenaah, trì mìle, agus sia ceud agus deich‐ar‑fhichead.
36
Na sagartan: Mic Iedaiah, de thaigh Iesua, naoi ceud, trì‐fichead agus a trì‐deug.
37
Mic Imeir, mìle, dà fhichead agus a dhà‐dheug.
38
Mic Phasuir, mìle, dà cheud, dà‑fhichead agus a seachd.
39
Mic Harim, mìle agus a seachd‐deug.
40
Na Lèbhithich: Mic Iesua agus Chadmiel, de chloinn Hodabhiah, trì‐fichead agus a ceithir‐deug.
41
An luchd‐seinn: Mic Asaiph, ceud, fichead agus a h‑ochd.
42
Mic nan dorsairean: Mic Shaluim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, iad uile ceud agus naoi‐deug ar fhichead.
43
Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit.
44
Mic Cherois, mic Shiaha, mic Phadoin.
45
Mic Lebanah, mic Hagabah, mic Acuib.
46
Mic Hagaib, mic Shalmai, mic Hanain.
47
Mic Ghideil, mic Ghahair, mic Reaiah.
48
Mic Resin, mic Necoda, mic Ghadsaim.
49
Mic Udsa, mic Phaseah, mic Bhesai.
50
Mic Asnah, mic Mhehunim, mic Nephusim.
51
Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir.
52
Mic Bhasluit, mic Mhehida, mic Harsa.
53
Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah.
54
Mic Nesiah, mic Hatipha.
55
Mic seirbhisich Sholaimh: Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pheruda.
56
Mic Iaalah, mic Dharcoin, mic Ghideil.
57
Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phochereit o Sheboim, mic Ami.
58
Na Netinich uile, agus clann seirbhisich Sholaimh, trì cheud, ceithir‐fichead, agus a dhà‐dheug.
59
Agus seo iadsan a chaidh suas o Thelmelah, Telharsa, Cherub, Adan, agus Imer; ach cha b’urrainn iad taigh an athar a nochdadh agus an sinnsireachd, am b’ann de Israel iad:
60
Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sia ceud, leth‐cheud, agus a dhà.
61
Agus de mhic nan sagart: Mic Habaiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean de nigheanan Bharsillai an Gileadach, agus a ghoireadh air an ainm.
62
Dh’iarr iadsan an clàr‐sgrìobhaidh nam measg‐san a bha air an àireamh le sloinnteireachd, ach cha d’fhuaireadh iad: uime sin ghearradh as on t‑sagartachd iad.
63
Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha, gus an seasadh sagart suas le Urim agus le Tumim.
64
An coitheanal uile cuideachd, dà‑fhichead agus dà mhìle, trì cheud agus trì‐fichead;
65
A thuilleadh air an seirbhisich agus am banoglaich, den robh ann seachd mìle, trì cheud, agus seachd‐deug ar fhichead; agus dhiubhsan dà cheud nam fir agus nam mnathan‐seinn.
66
An eich, seachd ceud agus sia‑deug ar fhichead: am muileidean, dà cheud, dà‑fhichead agus a còig.
67
An càmhail, ceithir cheud, agus còig‐deug ar fhichead: an asail, sia mìle, seachd ceud agus fichead.
68
Agus thug cuid de chinn nan athraichean, nuair a thàinig iad do thaigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem, seachad den saor‐thoil airson taigh Dhè, a‑chum a chur suas na àite fhèin.
69
A rèir an comais thug iad, gu ionmhas na h‑obrach, trì‐fichead agus aon mhìle darcon òir, agus còig mìle punnd airgid, agus ceud culaidh sagairt.
70
Agus ghabh na sagartan agus na Lèbhithich, agus cuid den t‑sluagh, agus an luchd‐seinn, agus na dorsairean, agus na Netinich, còmhnaidh nam bailtean, agus Israeil uile nam bailtean.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10