bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezra 4
Ezra 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 5 →
1
Agus chuala naimhdean Iùdah agus Bheniàmin gu robh clann a’ bhraighdeanais a’ togail an teampaill don Tighearna, Dia Israeil:
2
Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar‐hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn.
3
Ach thubhairt Serubabel agus Iesua agus a’ chuid eile de chinn athraichean Israeil riu, Cha bhuin e dhuibhse taigh a thogail maille rinne dar Dia‑ne; oir togaidh sinn fhèin nar n‑aonar don Tighearna, Dia Israeil, mar a dh’àithn Cìrus rìgh Phersia dhuinn.
4
Uime sin lagaich sluagh na tìre làmhan sluagh Iùdah, agus chuir iad dragh orra anns an togail;
5
Agus thuarasdalaich iad comhairlichean nan aghaidh, a bhacadh an rùin rè uile làithean Chìruis rìgh Phersia, eadhon gus an do rìghich Darius rìgh Phersia.
6
Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir‐chasaid an aghaidh luchd‐àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.
7
Agus ann an làithean Artacsercseis, sgrìobh Bislam, Mitridat, Tabeel, agus a’ chuid eile den cuideachd, gu Artacsercses rìgh Phersia; agus bha sgrìobhadh na litreach ann an sgrìobhadh nan Sirianach, agus air a mhìneachadh anns a’ chànain Shirianaich.
8
Sgrìobh Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, litir an aghaidh Ierusaleim gu Artacsercses an rìgh anns na briathran seo;
9
An sin sgrìobh Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd, na Dinathaich, na h‑Apharsachaich, na Tarpelaich, na h‑Apharsaich, na h‑Archebhich, na Bàbilonaich, na Susanchaich, na Dehabhaich, na h‑Elamaich,
10
Agus a’ chuid eile de na cinnich a thug Asnapar mòr agus urramach a‑nall, agus a shuidhich e ann am bailtean Shamaria, agus a’ chuid eile air an taobh seo den abhainn, agus ann a leithid seo de àm.
11
Is e seo dùblachadh na litreach a chuir iad da ionnsaigh: Gu Artacsercses an rìgh, do sheirbhisich, na daoine air an taobh seo den abhainn, agus aig a leithid seo de àm.
12
Biodh fios aig an rìgh gu bheil na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nìos uat dar n‑ionnsaigh air teachd gu Ierusalem, a’ togail a’ bhaile cheannaircich agus uilc sin, agus a’ cur suas a bhallachan, agus a’ ceangal ri chèile nam bunait.
13
Biodh a‑nis fios aig an rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ìoc iad cìs, càin, no cuspann, agus gun toir thu call air teachd‐a‑steach nan rìghrean.
14
A‑nis a chionn gu bheil sinne air ar beathachadh on lùchairt, agus nach eil e iomchaidh dhuinn eas‐urram an rìgh fhaicinn, uime sin chuir sinn litir uainn, agus thug sinn fios don rìgh;
15
A‑chum gun rannsaichear ann an leabhar eachdraidh d’athraichean, agus gum faigh thu anns an leabhar eachdraidh, agus gum bi fhios agad gu bheil am baile seo na bhaile ceannairceach, agus diùbhalach do rìghrean agus do mhòr‐roinnean, agus gu robh iad a’ dèanamh aimhreit na mheadhon anns an t‑seann aimsir: airson seo sgriosadh am baile seo.
16
Tha sinn a’ toirt fios don rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, an sin nach bi cuibhreann air bith agad air an taobh seo den abhainn.
17
Chuir an rìgh freagradh gu Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd a bha a chòmhnaidh ann an Samaria, agus a’ chuid eile an taobh thall den abhainn, Sìth, agus aig a leithid seo de àm.
18
An litir a chuir sibh am ionnsaigh, leughadh gu soilleir am làthair i:
19
Agus thugadh àithne leam, agus rannsaicheadh, agus fhuaireadh a‑mach gu robh am baile seo o shean ag èirigh an aghaidh rìghrean, agus gun do rinneadh ceannairc agus aimhreit ann.
20
Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn‐san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh.
21
Thugaibh‐se a‑nis àithne, a thoirt air na daoine sin sgur, agus nach togar am baile sin gus an tig òrdagh uamsa.
22
Thugaibh an aire, matà, nach dèan sibh mearachd an seo. Carson a dh’fhàsadh calldachd ann gu cron nan rìghrean?
23
An sin nuair a leughadh dùblachadh litir Artacsercseis an rìgh an làthair Rehuim, agus Shimsai an sgrìobhaiche, agus an cuideachd, chaidh iad le cabhaig suas gu Ierusalem a dh’ionnsaigh nan Iùdhach, agus thug iad orra sgur leis an làimh làidir.
24
An sin sguir obair taigh Dhè, a tha ann an Ierusalem. Sguir i gus an dara bliadhna de rìoghachadh Dhariuis rìgh Phersia.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10