bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Hebrews 13
Hebrews 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
1
Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.
2
Na dearmadaibh aoigheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoigheachd do ainglean gun fhios dhaibh.
3
Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.
4
Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo‐shalach: ach air luchd‐strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.
5
Biodh ur caitheamh‐beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.
6
Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear‐cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
7
Bithibh cuimhneachail air ur cinn‐iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh‐san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh‐beatha:
8
Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.
9
Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.
10
Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.
11
Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach airson peacaidh don ionad naomh leis an àrd‐shagart, air an losgadh an leth a‑muigh den champ.
12
Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.
13
Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh‐san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh.
14
Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.
15
Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt‐bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.
16
Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.
17
Bithibh umhail dur cinn‐iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo‐thairbheach dhuibhse.
18
Dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne: oir is dòigh leinn gu bheil deagh chogais againn, air dhuinn a bhith toileach ar beatha a chaitheamh gu cubhaidh anns na h‑uile nithean.
19
Ach is mò a ghuidheam oirbh seo a dhèanamh, a‑chum gur luaithe a dh’aisigear mise dhuibh.
20
A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd‐bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,
21
Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile‐san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair‐san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
22
Agus guidheam oirbh, a bhràithrean, sibh a ghiùlan facal na h‑earalach; oir sgrìobh mi gu h‑aithghearr dur n‑ionnsaigh.
23
Biodh fhios agaibh gun do chuireadh ar bràthair Timòteus air a chomas; maille ris‐san, ma thig e gu goirid, chì mi sibh.
24
Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn‐iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.
25
Gràs gu robh maille ribh uile. Amen.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13