bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Hebrews 6
Hebrews 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
1
Uime sin air fàgail dhuinn ciad‐thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;
2
Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh.
3
Agus nì sinn seo, ma cheadaicheas Dia.
4
Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd‐compàirt den Spiorad Naomh,
5
Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd,
6
Agus a thuit air falbh, ath‐nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.
7
Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia:
8
Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.
9
Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall‐se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.
10
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme‐san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
11
Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn‐dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:
12
A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd‐leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.
13
Oir nuair a thug Dia gealladh do Abrahàm, do bhrìgh nach faodadh e mionnan a thoirt air neach a bu mhò, thug e mionnan air fhèin;
14
Ag ràdh, Gu fìrinneach, beannaichidh mi gu mòr thu, agus nì mi ro‑lìonmhor thu.
15
Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh.
16
Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh.
17
Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo‐chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:
18
A‑chum tre dhà nì neo‐chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:
19
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat‐roinn.
20
Far an deachaidh an ro‑ruith‐fhear a‑steach air ar son‐ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard‐shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13