bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Hosea 5
Hosea 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 6 →
1
Cluinnibh‐se seo, a shagartan; agus thugaibh‐se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh‐se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.
2
Agus rinn na ceannaircich àr domhain: uime sin bheir mise smachdachadh air an iomlan dhiubh.
3
Is aithne dhòmhsa Ephraim, agus Israel chan eil am falach orm: oir a‑nis rinn Ephraim strìopachas; tha Israel air a thruailleadh.
4
Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.
5
Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu.
6
Len treudan agus lem buar, thèid iad a dh’iarraidh an Tighearna: ach chan fhaigh iad e; tharraing e e fhèin uapa.
7
Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan.
8
Sèidibh‐se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet‐abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!
9
Bidh Ephraim na fhàsach ann an là an achmhasain: am measg treubhan Israeil rinn mise aithnichte an nì sin a thig gu crìch gu deimhinn.
10
Bha prionnsachan Iùdah cosmhail riùsan a dh’atharraicheas an comharradh‐fearainn: dòirtidh mise mo chorraich a‑mach orra mar uisge.
11
Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne.
12
Uime sin bidh mise mar leòmann do Ephraim: agus mar lobhadh do thaigh Iùdah.
13
Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.
14
Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.
15
Imichidh mi, agus tillidh mi gum àite, gus an aidich iad an cionta, agus an iarr iad m’aghaidh: nan àmhghar iarraidh iad mi gu moch.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14