bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Hosea 8
Hosea 8
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 9 →
1
An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal‐sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.
2
Riumsa glaodhaidh iad, O Dhè Israeil, is aithne dhuinne thu.
3
Chuir Israel uaithe am fad an nì a tha math: nì nàmhaid a ruagadh.
4
Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad.
5
Cuir am fada uat do laogh, O Shamaria; tha mo chorraich‐sa air lasadh nan aghaidh: cia fhad a bhios iad gun ruigheachd air neochiontas?
6
Oir bha seo fòs o Israel: dhealbh am fear‐obrach e; agus cha Dia a tha ann: oir brisear na bhloighdean laogh Shamaria.
7
Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt‐ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.
8
Tha Israel air a shlugadh suas: a‑nis tha iad am measg nan cinneach mar shoitheach anns nach eil tlachd air bith.
9
Oir chaidh iad suas gu Asiria: is asal fhiadhaich anns an aonach Ephraim; thuarasdalaich iad leannain.
10
Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran.
11
A chionn gun do rinn Ephraim mòran altairean gu peacachadh, altairean gu peacachadh tha aige.
12
Sgrìobh mise da ionnsaigh nithean mòra mo reachd; ach mheasadh iad mar nì nach buineadh dhaibh.
13
Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit.
14
Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14