bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jonah 3
Jonah 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag ràdh,
2
Eirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus labhair ris anns na briathran a dh’àithneas mise dhut.
3
Agus dh’èirich Ionah, agus chaidh e gu Ninebheh, a rèir facal an Tighearna. (A‑nis bu bhaile ro‑mhòr Ninebheh, astar trì làithean.)
4
Agus thòisich Ionah air dol tron bhaile, astar aon là; agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Fhathast dà‑fhichead là, agus sgriosar Ninebheh.
5
Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach‐saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha.
6
Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh‐chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus shuidh e ann an luaithre.
7
Agus thug e fa‑near a èigheach agus a chur an cèill air feadh Ninebheh (le òrdagh an rìgh agus uaislean), ag ràdh, Na blaiseadh duine no beathach, buar no treud, aon nì; na ionaltradh iad, agus na òladh iad uisge.
8
Ach biodh duine agus ainmhidh air an còmhdachadh le aodach‐saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia: seadh, tilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus on fhòirneart a tha nan làmhan.
9
Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian‐chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?
10
Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4