bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jonah 4
Jonah 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
Agus mhì‐thaitinn sin ri Ionah gu ro‑mhòr, agus bha fearg mhòr air.
2
Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.
3
Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.
4
An sin thubhairt an Tighearna, Am math a thig dhut fearg a bhith ort?
5
A‑nis bha Ionah air dol a‑mach as a’ bhaile, agus shuidh e air an taobh an ear den bhaile, agus an sin rinn e dha fhèin bothan, agus shuidh e foidhe anns an dubhar, gus am faiceadh e ciod a thachradh don bhaile.
6
Agus dh’ullaich an Tighearna Dia luibh‐sgàile, agus dh’fhàs i suas os cionn Ionah, a‑chum gum biodh i mar sgàil thar a cheann, ga shaoradh o dhoilgheas. Agus bha Ionah ro‑ait airson na luibh‐sgàile.
7
Ach dh’ullaich Dia cnuimh nuair a dh’èirich a’ mhadainn air an ath là, agus bhuail i an luibh‐sgàile, agus shearg i.
8
Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.
9
Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh‐sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs.
10
An sin thubhairt an Tighearna, Choigleadh tusa an luibh‐sgàile, airson nach do shaothraich thu, cha mhò a thug thu oirre fàs; a dh’fhàs suas ann an oidhche, agus a chaidh seachad ann an oidhche.
11
Agus nach coiglinn‐sa Ninebheh, am baile mòr sin, anns a bheil tuilleadh agus sia‑fichead mìle pearsa, do nach aithne an làmh dheas seach an làmh chlì, agus mòran sprèidhe?
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4