bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Malachi 2
Malachi 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
1
Agus a‑nis dhuibhse tha an àithne seo, O shagartan.
2
Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm‐sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.
3
Feuch, bheir mi air an t‑sìol nach fàs e, agus tilgidh mi aolach nur n‑aghaidh, aolach ur n‑àrd‐fhèillean; agus giùlainear sibh fhèin maille ris.
4
Agus aithnichidh sibh gun do chuir mise dur n‑ionnsaigh an àithne seo, a‑chum gum maireadh mo choicheangal le Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh.
5
Bha mo choicheangal ris‐san, mu thimcheall beatha agus sìthe, agus thug mi dha iad, airson an eagail leis an robh eagal air romham, agus leis an robh geilt air rom ainm.
6
Bha lagh na fìrinn na bheul, agus cha d’fhuaireadh aingidheachd na bhilean; ghluais e leamsa ann an sìth agus ann an ionracas, agus thill e mòran air falbh o euceart.
7
Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh.
8
Ach chaidh sibh air seachran on t‑slighe: thug sibh air mòran tuisleachadh air an reachd: thruaill sibh coicheangal Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh.
9
Uime sin rinn mise fòs sibhse suarach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, a rèir mar nach do choimhead sibh mo shlighean, ach gu robh sibh leth‐bhreitheach anns an lagh.
10
Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean?
11
Bhuin Iùdah gu fealltach, agus chuireadh gràinealachd an gnìomh ann an Israeil agus ann an Ierusalem; oir thruaill Iùdah naomhachd Dhè as ionmhainn leis, agus phòs e nighean de choimhich.
12
Gearraidh an Tighearna as an duine a nì seo; am fear‐faire, agus am fear‐freagraidh, a‑mach à pàilleanan Iàcoib; agus esan a bheir tabhartas do Thighearna nan sluagh.
13
Agus seo fòs rinn sibh; chòmhdaich sibh le deòir altair an Tighearna, le gul, agus le èigheach; ionnas nach eil suim aige de thabhartas nas mò, agus cha ghabh e le deagh‐ghean ur làimh e.
14
Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana‑chompanach i, agus bean do choicheangail.
15
Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.
16
Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh: agus esan a dh’fhalaicheas ainneart le a thrusgan, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Uime sin biodh faiceall agaibh air ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach.
17
Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais?
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4