bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Malachi 4
Malachi 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.
2
Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme‐sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.
3
Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh.
4
Cuimhnichibh‐se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais.
5
Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.
6
Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios. A’ CHRIOCH
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4